Amasan airson cumhachd ath-nuadhachail gu bhith mar chuspair do rannsachadh Comtaidh

20.01.2012

Thèid an ìre de na h-amasan aig Riaghaltas na h-Alba mu lùth ath-ùrachaidh aig Riaghaltas na h-Alba a sgrùdadh le Comataidh Eaconomachd, Lùtha agus Turasachd aig Pàrlamaid na h-Alba, a chuir a-mach gairm airson fianaise an-diugh.

Thèid na dùbhlain a thaobh teicneòlais, bun-structair agus ionmhais gus na h-amasan ann an Slighe air Adhart Riaghaltas na h-Alba mu Lùth Ath-ùrachaidh gu 2020 a dheasbad leis a' chomataidh ann an sreath de sheiseanan-fianaise. Ri linn nan seiseanan seo, nì a’ chomataidh sgrùdadh air buannachdan nan amasan, cho math ris na cunnartan is na bacaidhean air toirt nan amasan seo gu buil.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Murchadh Friseal BPA:

 

“Bheir an rannsachadh seo sùil chruaidh is fhìrinneach feuch an gabh amasan Riaghaltas na h-Alba toirt a-mach. Ged nach eil ceist sam bith ann mu na goireasan a tha aig Alba mu lùth ath-ùrachaidh, tha naidheachdan a nochd o chionn ghoirid mu chò-dhùnaidhean ann an dealbhachadh agus aithisgean a chuir teagamh ann an ceistean mu eòlas is mu thasgadh air an fheum sinn beachd a ghabhail.

 

“A bharrachd air a’ chonnspaid seo, tha deasbad làidir fhathast a’ dol mu theicneòlas ath-ùrachaidh sònraichte, agus air suidheachadh nan leasachaidhean mar thuathanasan-gaoithe is ionadan biomass.

 

“Le beachdan cho làidir ann, tha sinn an dùil gun tèid ùidh mhòr a ghabhail anns an rannsachadh, rud air an cuir sinn fàilte. Tha e nar n-amas cluinntinn bho raon cho farsaing is a ghabhas agus bidh sinn ag iarraidh daingneachadh fhaotainn gun gabh ceistean mu chosgais, eòlais is mu dhealbhachadh sàrachadh."

 

Am measg nan ceist as motha air an tèid beachd a ghabhail ri linn an rannsachaidh, tha:

 

  • A bheil cothrom air an teicneòlas gus na h-amasan a thoirt a-mach agus an ruigear air a thaobh cosgais?
  • A bheil na h-oiltighean is na h-ionadan-rannsachaidh againn uidheamaichte gus na feumalachdan mu leasachadh teicneòlach a thoirt a-mach?
  • Ciamar a ghabhas tàbhachdan nàiseanta cur air an aon rèir ri ceistean ionadail?
  • A bheil sinn cinnteach gun gabh am bun-structair a tha a dhìth leasachadh agus maoineachadh gus am faod Alba gineadh-dealain a bharrachd a reic ris a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte?
  • Dè a’ bhuaidh a bhios ann air na tha luchd-caitheimh a’ pàigheadh?
  • Am bi maoin gu leòr ann gus sgrùdadh a dhèanamh air an dà chuid cur a-steach is leasachadh an teicneòlais iomchaidh?
  • Am bi gu leòr de sgilean dùthchasach aig Alba gus tasgadh air an taobh a-staigh a thàladh?
  • A bheil an leasachadh air margadh an lùtha agus rèim nan tabhartasan san Rìoghachd Aonaichte is ann an Aonadh na h-Eòrpa le chèile gu leòr gus dùbhlan nan amasan mu ath-ùrachadh aig Riaghaltas na h-Alba a thoirt a-mach?

 

Cùl-cinn

Chùm a’ Chomataidh deasbad cruinn 7 Dùbhlachd 2011 gus farsaingeachd an rannsachaidh a sgrùdadh. Gheibhear fiosrachadh slàn aig:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/28862.aspx?r=6615&mode=pdf

 

Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach 29 Gearran 2012.

Bu chòir beachdan a chur, uimhir is a ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu: renewablesinquiry@scottish.parliament.uk

Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu:

Comataidh Eaconomaidh, Lùtha is Turasachd

TG.01

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann EH99 1SP

 

Air Diardaoin 19 Faoilleach, chuir Riaghaltas na h-Alba cead-dealbhachaidh an cèill airson a' cheanglaicheir eadar Alba is Sasainn a nì e comasach leasachaidhean ùra ann an lùth ath-ùrachaidh a cheangal ris a' chliath. Bheir an rannsachadh sùil shònraichte air seo.

Co-cheangailte

Fios conaltraidh

Meadhanan

Comataidhean

Fiosrachadh a' Phobaill

Faodar ar leantainn air twitter @scotparl

Faic ar blog Gàidhlig Blog Pàrlamaid na h-Alba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.