Na mìltean air tadhal air taisbeanadh ‘Dealbhadh is Deamocrasaidh’ aig Pàrlamaid na h-Alba

15.01.2012

Thadhail còrr is 22,000 neach air taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba, ‘Dealbhadh is Deamocrasaidh’, bho dh’fhosgail e san Dùbhlachd.

Bheir an taisbeanadh cruinn còmhla obair le luchd-ceumnachaidh ùra à ceithir sgoiltean-ealain cliùiteil na h-Alba. Tha na pìosan a chaidh a thaghadh a’ sealltainn mar a dh’fhaodas dealbhadh spreagte an dà chuid cur ri beatha dhaoine agus a bhith cruthachail cuideachd.

Bidh an taisbeanadh ann gu 23 Màrt 2012.

Am measg nam pìosan a rinn an luchd-dealbhaidh san taisbeanadh tha stuth-pasgaidh a ghabhas ithe, innleachd mu shlàinte-inntinne, abacas-beathachaidh, cho math ri dealbhadh-fasain is aistidhean mu thogail dhealbhan-camara.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid Tricia Marwick, BPA: “Tha gun robh sinn airson taisbeanadh a dhèanamh den stuth as fheàrr ann an Alba air fhàgail gu bheil againn taisbeanadh iomfhillte tarraingeach a dhrùidh gu mòr air luchd-tadhail.

“Tha cuspairean an taisbeanaidh – a tha a’ toirt sùil air mar a dh’fhaodas dealbhadh deagh-atharrachadh a thoirt air leithid slàinte, mathas dhaoine, an comann-sòisealta is seasmhachd – a rèir amasan Pàrlamaid na h-Alba.

“Ri linn Bliadhna Alba Chruthachail, tha an taisbeanadh Dealbhadh is Deamocrasaidh a’ sealltainn cho mòr ‘s a chuireas ar sgoiltean-ealain ‘s ar colaistean ri cliù làidir na h-Alba a thaobh ùr-ghnàthachd agus dealbhadh tuigseach.”

‘S e seo a’ chiad uair a chuireadh taisbeanadh air dòigh le obair à ceithir sgoiltean-ealain na h-Alba còmhla:

 

  • Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, Dùn Dè
  • Colaiste Ealain Dhùn Èideann
  • Sgoil-Ealain Gray’s, Obar Dheadhain
  • Sgoil-Ealain Ghlaschu.

 

Am measg cuspairean an taisbeanaidh, tha:

  • dealbhadh a thaobh seasmhachd
  • dealbhadh a thaobh slàinte ‘s mathas dhaoine
  • a’ bhuaidh a bheir deagh stuth lèirsinneach

Tha an taisbeanadh taobh a-staigh Prìomh-thalla na Pàrlamaid ‘s bidh e air chois gu Dihaoine 23 Màirt 2012. ‘S e an taisbeanadh as fhaide a chaidh a chumail a-riamh aig a’ Phàrlamaid, ‘s tha e a’ faighinn taic o Alba Chruthachail.

‘S iad an luchd-dealbhaidh:

Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, Dùn Dè

  • Barbara Beek – Soillseachadh
  • Carin Nic a’ Phearsain – Dealbhadh A-staigh is na h-Àrainneachd
  • Michail Vanis – Dealbhadh Didseatach Eadar-ghnìomhach
  • Rebecca Veal – Dealbhadh A-staigh is na h-Àrainneachd

 

Colaiste Ealain Dhùn Èideann

  • Felix Chabluk Smith – Fasan
  • Mark Kobine – Dealbhadh Bathair
  • Emma R. Lally – Dealbhadh Graifigeach

 

Sgoil-Ealain Gray’s

  • Caoimhin Camshron – Conaltradh Lèirsinneach
  • Natalia Lozano – Dealbhadh Bathair
  • Simone Russell – Conaltradh Lèirsinneach
  • Sàra Struthers – Dealbhadh Fasain.

Sgoil-Ealain Ghlaschu

  • Seumas Edwin Bettney –Dealbhadaireachd-camara
  • Jamina Davidson – Dealbhadh A-staigh
  • Sara Amy Fishlock –Dealbhadaireachd-camara
  • Benjamin Pawle – Dealbhadh Bathair

Contact information

Media

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service.
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can now also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.