An t-Oifigear Riaghlaidh a' cur fàilte air Tosgaire na Danmhairge

11.01.2012

Thadhail Tosgaire na Danmhairg don RA, Ms Anne Hedensted Steffensen, air Taigh an Ròid. Mar phàirt den turas aice, choinnich i ri Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid, Tricia Marwick BPA.

Chuir Ms Steffensen an cèill cho toilichte sa bha i cothrom fhaighinn prògram Ceannas na Danmhairg air an AO a chur air adhart ann an Dùn Èideann. Thuirt i gur e fàs ùr air an eaconomaidh agus barrachd cothroman cosnaidh air feadh na Roinn Eòrpa am prìomhachas a bha air a’ cheannas:

“Tha fàs anns an roinn Eòrpa a’ ciallachadh gu bheil feum air leasachadh air a’ Mhargaidh Shingilte ann an dòigh a bheir deagh bhuaidh an dà chuid air saoranaich agus air companaidhean. Tha e mar riatanas oirnn cuideachd foghlam, rannsachadh agus tionnsgalachd a neartachadh. Is e amas Ceannas na Danmhairg cur ri leasachadh na Margaidh Singilte ann an dòigh chruthachail tro iomairtean gus obraichean a chruthachadh air feadh na Roinn Eòrpa”.

 

Choinnich Ms Steffensen ri buill de Chomataidh na h-Eòrpa is Cùisean Taobh a-Muigh cuideachd. Thuirt neach-gairm na Comataidh, Christina McKelvie BPA:

‘Bha e na thoileachas fàilte a chur air Tosgaire na Danmhairg do Phàrlamaid na h-Alba. Bidh an Danmhairg a’ gabhail thairis Ceannas na Roinn Eòrpa aig àm glè chudromach. Thèid an Eurozone, cruth is coltas an ath bhuidseat aig an AE, agus Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais agus Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich uile a dheasbad agus fiù’s fhuasgladh.

‘Tha e cudromach gun cleachd sinn a h-uile dòigh is cothrom gus guth na h-Alba a chur air adhart sa Bhruiseil. Air an adhbhar seo, is e deagh chothrom aig deagh àm a bha sa choinneimh againn le Ms Steffensen gus bruidhinn air na cuisean sin agus air cùisean eile. Gu sònraichte, bha ùidh againn anns na beachdan aice air Horizon 20/20 agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aige air taic a chumail ri tionnsgalachd ann an Alba agus sinn gu bhith a’ cumail rannsachadh air a’ chuspair sin.’

 

String quartet playing in the Garden Lobby

Air an oidhche, chùm a' Chomataidh agus an Tosgaire cuirm còmhla ann an Lobaidh a' Ghàraidh ann an togalach na Pàrlamaid. Mar phàirt de seo, bha ceòl ann bho cheathrar-cheòl - the Danish String Quarter - tè de na còmhlain ciùl clasaigeach as fheàrr san Dànmhairg. Chluich iad ceòl a chaidh sgrìobhadh leis an sgrìobadair ciùil as cliùtaiche san Danmhairg, Carl Nielsen.

Faigh a-mach barrachd mu cheannas na Danmhairg air an AO (làrach air an taobh a-muigh: Beurla) 

Holyrood Highlights

Please see Holyrood Highlights from 12 January 2012 which includes a short interview with the Ambassador.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.