Fiosrachadh mu chosgaisean nam BPA air fhoillseachadh

08.12.2011

Chaidh am fiosrachadh as ùire mu chosgaisean pàrlamaideach nam Ball fhoillseachadh air an làrach-lìn againn an-diugh.

Tha cosgaisean nam Ball airson Cairteil 4 den bhliadhna ionmhais 2010/11 rim faighinn air-loidhne tro stòr-dàta air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Chaidh pàipear ullachaidh fhoillseachadh cuideachd an-diugh le fiosrachadh mu na chaidh a chosg sa bhliadhna uile gu lèir. Tha figear iomlan na bliadhna £11,849,399 suas 1.6% air figear na bliadhna an-uiridh.

Thuirt neach-labhairt aig Pàrlamaid na h-Alba: “Chaidh cosgaisean na bliadhna seo suas 1.6% air figear na bliadhna an-uiridh. Le RPI aig 5.3% agus CPI aig 4.0% thairis air an aon àm, is e lughdachadh susbainteach a tha seo ann an cosgaisean nam BPA agus iad a’ dèanamh na h-obair pàrlamaidich aca”.

“Tha na figearan seo bho àm mus deach an reothadh pàighidh is chosgaisean aig na BPA a chur an gnìomh air 1 Giblean 2011.” 

Related links

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.