02.07.2018
Tha BPA air a’ Chomataidh
Slàinte is Spòrs air sgrùdadh farsaing a
dhèanamh air cultar an NHS agus mar a tha seo a’ toirt buaidh air euslaintich,
agus tha iad a’ foillseachadh toradh an rannsachaidh an-diugh.
Tha sin a’ gabhail
a-steach cultar an NHS a dhèanamh nas fhosgailte agus nas fhollaisiche airson
gum bi misneachd aig luchd-obrach bruidhinn a-mach mu na draghan aca; aithris air
droch mhearachdan a bhith meadhanaichte gus dèanamh cinnteach gun tèid
fàilligeadh farsang ann an siostaman aithneachadh aig ìre thràth; barrachd
com-pàirteachais le euslaintich agus teaghlaich anns a’ phròiseas gearain, agus
ath-bhreithneachadh air pàirtean de Leasachadh Slàinte na h-Alba, a tha an urra
ri càileachd cùraim ann an Alba a leasachadh. Fhuair an aithisg cuideachd gum
feum Bùird NHS a bhith nas ro-innleachdail agus gum feum a’ bhallrachd orra a
bhith nas eadar-mheasgte.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs Lewis Dòmhnallach
BPA:
“Aig cridhe an NHS tha
na h-euslaintich a tha e a’ frithealadh. Is e adhbhar an rannsachaidh seo
dèanamh cinnteach gu bheil cultar an NHS ga dhèanamh comasach an ìre cùraim as
àirde a lìbhrigeadh do euslaintich.
“Chuala sinn gu dìreach
bho luchd-obrach, euslaintich, buill Bùird NHS agus àrd-mhanaidsearan NHS.
Chuala sinn gu bheil euslaintich ag iarraidh barrachd pàirt a ghabhail nan
cùram fhèin agus mar a thèid a lìbhrigeadh. As cudromaiche buileach, nuair a
thèid cùisean ceàrr, bu chòir barrachd follaiseachd a bhith ann gus am bi
euslaintich agus an teaghlaichean cinnteach gun tèid ionnsachadh bho na
thachair.
“Tha ceumannan cudromach
ann cuideachd a dh’fheumar a ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil
luchd-obrach a’ faireachdainn comasach air bruidhinn mu dheidhinn draghan.
Feumaidh an cultar a bhith nas fhosgailte agus a’ cur luach ann an luchd-obrach.
“Ged a tha sgrùdadh agus
modhan-obrach ann gus cùisean a chumail ceart, thèid cùisean ceàrr o àm gu àm,
agus tha e cudromach gun tèid mearachdan aithneachadh gu luath agus nach
tachair iad a-rithist.”
Tha an aithisg a’ dèanamh
mholaidhean farsaing agus susbainteach ann an trì prìomh raointean a’ buntainn
ri mar a tha an NHS air a ruith - riaghladh luchd-obrach, riaghladh
clionaigeach agus riaghladh corporra.
Riaghladh luchd-obrach
(td3)
Buinidh na molaidhean seo
ri bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach anns an NHS air an riaghladh
ann an dòigh chothromach agus èifeachdach:
·
Ged a tha luchd-obrach NHS a’ faireachdainn nas misneachail
a bhith a’ bruidhinn a-mach, tha fhathast còrr is trian de luchd-obrach nach
eil deònach sin a dhèanamh (td14);
·
Aig a’ cheann thall, feumaidh cultar fosgarra agus
cultar follaiseachd a bhith ann (td14);
·
Is e an luchd-obrach an goireas as luachmhoire anns
an NHS. Chan eil burraidheachd, lethbhreith agus sàrachadh idir freagarrach san
àite-obrach. Tha e na adhbhar iomagain nach eil ach mion-chuid a’ faireachdainn
misneachail draghan a thogail mu ghiùlan cho-obraichean. Tha barrachd oidhirp a
dhìth gus misneachd a thoirt do luchd-obrach gu faigh iad freagairt iomchaidh
nuair a bhruidhneas iad air cùis dragh (td8);
·
Tha tuilleadh obrach a dhìth air an t-siostam a
leigeas le daoine innse mu mhì-ghiùlan. Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic don
loidhne Rabhadh Prìobhaideach Nàiseanta a th’ ann an-dràsta, ach, airson na
mòr-chuid, is e loidhne comhairle a tha seo agus thathas a’ moladh gu stèidhich
Riaghaltas na h-Alba loidhne rannsachaidh taobh a-muigh (td14);
·
Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun dèan an Riaghaltas
ath-bhreithneachadh air mar a tha manaidsearan NHS air an riaghladh an-dràsta,
a tha eadar-dhealaichte bhon riaghladh airson phroifeiseantaich slàinte eile.
Tha seo a’ cruthachadh mì-chothromachadh eadar luchd-obrach clionaigeach agus
stiùiridh (td16).
Riaghladh clionaigeach
(td22)
Tha an aithisg ag
iarraidh grunn atharrachaidhean gus dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseasan
agus na modhan-obrach an sàs gus sàr chàileachd agus lìbhrigeadh cùraim a
chumail suas:
·
Chan eil ìrean agus stiùireadh clionaigeach gan
cleachdadh cho èifeachdach no cho cunbhalach ’s a bu chòir dhaibh a bhith
(td26);
·
Chuala a’ Chomataidh eisimpleirean de bhanaltraman
agus mnathan-glùine nach faigheadh cothrom air leasachadh proifeiseanta
leantainneach (CPD) rè an latha-obrach. Thathar ag iarraidh air Riaghaltas na
h-Alba riatanasan reachdail a chur air bùird gus dèanamh cinnteach gun tèid
ùine CPD iomchaidh a thoirt seachad do luchd-obrach NHS uile (td27);
·
Fhuair a’ Chomataidh gum faod bacaidhean a bhith mu
choinneimh euslaintich NHS mu bhith a’ dèanamh ghearanan agus cuideachd dìth
misneachd gun tigeadh atharrachadh ann an cùram no leigheas (td31) mar thoradh
air gearan (td31);
·
Tha an siostam gearain an-dràsta air a stiùireadh cus
le pròiseas. Thèid dèiligeadh ri gearanan gun ach beagan com-pàirt bhon
luchd-obrach clionaigeach a tha an sàs gu dìreach ann a bhith a’ lìbhrigeadh a’
chùraim agus leigheis (td31);
·
Feumaidh barrachd cunbhalachd a bhith ann le mar a
dhèiligeas an NHS ri Fìor Dhroch Thachartasan (SAEan). Is e SAE tachartas a dh’adhbharaich
cron, no a dh’fhaodadh a bhith air cron adhbhrachadh. Tha dìth cunbhalachd ann air
na tha air a chlàradh mar SAE. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh gun tèid gach
aithris a chur do aon àite meadhanach gus dèanamh cinnteach gum bi fàilligeadh a
thachras air feadh shiostaman air aithneachadh agus gun tèid dèiligeadh ris gu
luath (td35);
·
Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir do
Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air gnìomhan Leasachadh Slàinte na
h-Alba (HIS) ann an còig raointean:
1. Dòigh nas riaghailtiche
agus nas co-leantailiche a stèidheachadh a thaobh a chuid obrach. Bu chòir
beachdachadh air barrachd chumhachdan co-èigneachaidh a thoirt do HIS gus
aghaidh a chur ri draghan a thaobh inbhean agus stiùireadh.
2. Bu chòir do HIS a bhith
nas for-ghnìomhaich, a’ gabhail a-steach barrachd sgrùdaidh gus cuideachadh le
bhith ag aithneachadh, agus, ma ghabhas a dhèanamh, cur stad air fàilligeadh
siostamach aig ìre nas tràithe.
3. Bu chòir don obair
sgrùdaidh aige a bhith a’ gabhail a-steach beachdachadh air barrachd a dhèanamh
a thaobh dearcnachadh agus lìbhrigeadh ìrean agus stiùireadh clionaigeach.
4. Bu chòir uallach a bhith
air HIS tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air mar a tha am frèam-obrach
nàiseanta SAE ag obair an-dràsta.
5. Obair Comhairle Slàinte
na h-Alba, buidheann air a bheil e mar dhleastanas sùil a chumail air dè cho
math ’s a tha na Bùird a’ co-chomhairleachadh le muinntir a’ phobaill, anns
nach eil earbsa sam bith aig a’ Chomataidh.
Riaghladh corporra (td40)
Tha na molaidhean seo a’
buntainn ris na structaran agus modhan-obrach airson co-dhùnaidhean a dhèanamh,
cunntachalachd, smachd agus giùlan aig ìre Bùird:
·
Tha uallach air Bùird NHS airson stiùireadh
ro-innleachdail a thoirt seachad agus tha sinn airson gun ceasnaich iad mar a
tha stiùireadh bhon mheadhan a’ toirt buaidh gu h-ionadail (td43);
·
Tha e air leth cudromach gum bi earbsa aig a’
phoball agus an luchd-obrach ann am Bùird NHS. Feumaidh bùird atharrachadh bunaiteach
a dhèanamh air an dàimh aca le luchd-ùidh agus am poball, agus dol seachad air
a bhith dìreach a’ co-chomhairleachadh agus ag innse, gu bhith a’ cuimseachadh
air co-obrachadh agus co-shaothrachadh. Feumaidh bùird cuideachd a bhith nas fhosgailte
agus onarach mu na duilgheadasan agus na dùbhlain a tha romhpa (td51);
·
Feumar cunntachalachd agus dèanamh co-dhùnaidhean
eadar Bùird, bùird roinneil agus Co-bhùird Cho-fhillte a dhèanamh nas sìmplidh
agus a dhèanamh soilleir (td55).
·
Tha e cudromach gum bi iomadachd agus cothromachadh
gnè ann am ballrachd bùird. Tha dragh air a’ Chomataidh cuideachd gu bheil dìth
riochdachaidh ann an-dràsta de dhaoine le ciorraman, daoine bho bhuidhnean
mion-chinnidh agus daoine bho bhuidhnean sòisealta eadar-dhealaichte (td48);
·
Cha bu chòir ball sam bith de Bhòrd a bhith na
bhall de bhùird buileachaidh carthannais, agus bu chòir ath-bhreithneachadh a
dhèanamh air ioma-ballrachd de bhùird, co-bhùird agus ùghdarrasan ionadail
(td58).
Cùl-fhiosrachadh
Tha an aithisg shlàn ri
fhaighinn an seo:The
Governance of the NHS in Scotland - ensuring delivery of the best healthcare
for Scotland (pdf 1MB)