Comataidh Ionmhais & Bun-reachd a’ tòiseachadh na h-ath ìre den sgrùdadh bhun-reachdail aca: Frèaman-obrach Coitcheann na Rìoghachd Aonaichte

18.06.2018

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Thaigh an Ròid air tòiseachadh na h-ath ìre den sgrùdadh bhun-reachdail aca le gairm-fianais air Frèaman-obrach Coitcheann na Rìoghachd Aonaichte. 

Tha an gluasad a’ comharrachadh toiseach obair ullachaidh mionaideach leis a’ chomataidh mus tèid frèaman-obrach laghail agus poileasaidh ùra a stèidheachadh às dèidh Brexit air feadh na RA agus raointean tiomnaichte.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Ionmhais & Bun-reachd Brus Crawford BPA:

“Tha an ath ìre seo nar sgrùdadh bun-reachdail uabhasach cudromach, oir bidh frèaman-obrach cumanta a’ stèidheachadh ciamar a bhios grunn raointean poileasaidh ag obair air feadh na RA agus dùthchannan tiomnaichte, co dhiù a tha e a’ buntainn ri gnìomhachas, àiteachas no an àrainneachd.

“Rud eile a tha fìor chudromach ’s e gu bheil coltas ann gun inns am pròiseas leasachaidh fhrèaman-obrach cumanta gu math tràth dè cho èifeachdach ’s a tha na dàimhean eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus instidiùdan tiomnaichte.”

Thuirt Mgr Crawford cuideachd:

“Tha a’ chomataidh againn mu thràth a’ coimiseanadh rannsachadh coimeasach eadar-nàiseanta air mar a tha frèaman-obrach ag obair san Roinn Eòrpa, Canada agus Astràilia. Bidh sinn cuideachd airson cluinntinn bho sgoilearan agus bho eòlaichean poileasaidh.

“Tha e duilich mìneachadh cho cudromach ’s a tha sgrùdadh pàrlamaideach èifeachdach anns an ath ìre den obair againn.”

Frèaman-obrach Coitcheann na Rìoghachd Aonaichte – Gairm Fianais

Dh’aithnich a’ Chomataidh san h-aithisg eadar-amail aca air Bile an AE (Tarraing a-mach) gu bheil “feum air mòran obrach a dhèanamh a thaobh sgrùdadh air leasachadh agus aontachadh fhrèaman-obrach coitcheann” agus “gu bheil seo na raon-obrach a tha air leth cudromach agus nithear tuilleadh beachdachaidh air.”

Chomharraich a’ Chomataidh grunn raointean a dh’fheumas tuilleadh sgrùdadh mionaideach:

· Dè bu chòir dol an àite phròiseasan poileasaidh an AE a th’ ann an-dràsta air feadh na RA;

· Dèiligeadh ris a’ bheàrn riaghlaidh a thaobh sgrùdadh, buileachadh agus cur an gnìomh fhrèaman-obrach;

· An t-eadar-obrachadh eadar frèaman-obrach agus rèiteachadh aontaidhean eadar-nàiseanta ùra, a’ gabhail a-steach co-chòrdaidhean malairt shaor;

· Maoineachadh dhleastanasan agus gheallaidhean a tha ag èirigh bho fhrèaman-obrach.

Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air tagraidhean sgrìobhte a’ dèiligeadh ris na cùisean a chaidh ainmeachadh gu h-àrd agus beachdan buntainneach sam bith eile a thaobh leasachadh agus aontachadh fhrèaman-obrach coitcheann na Rìoghachd Aonaichte.

Is e an ceann-latha airson fhreagairtean Dihaoine 31 Lùnastal 2018

Làn ghairm fianais.

Cùl-fhiosrachadh

Earrann à pàipear-fiosrachaidh SPICE

Is e prìomh argamaid airson fhrèaman-obrach coitcheann san Rìoghachd Aonaichte gu bheil e mòran nas coltaiche, mura bi iad ann, gu nochd sgaraidhean ann am poileasaidh eadar diofar phàirtean den RA, nuair nach eil an RA fo smachd lagh an AE tuilleadh.  Chan eil eadar-dhealachadh ann am poileasaidh eadar na ceithir dùthchannan san RA, na dhuilgheadas ann fhèin, ged-thà. Gu dearbh, is e prìomh adhbhar tiomnadh cumhachd gu faod poileasaidh atharrachadh a rèir shuidheachaidhean ionadail, agus mar sin faodar leasain ionnsachadh mu dè na dòighean-obrach as fheàrr a th’ ann (mar phàirt de ‘obair-lann poileasaidh’). Ach, mura h-eil inbhean cumanta ann dh’fhaodadh seo droch bhuaidh a thoirt air cuid de raointean, mar eisimpleir le bhith a’ cur uallaichean ùra air gnìomhachas no a’ cur bacadh air co-òrdanachadh chùisean poileasaidh tar-chrìch. Is e an duilgheadas a bhith ag aithneachadh far am faodadh droch bhuaidh eadar-dhealachaidhean poileasaidh a bhith dona gu leòr airson cuingealachadh adhbharachadh air cruthachadh poileasaidh tiomnaichte.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.