27.04.2018
Tha an aois aig am faodar, ann an sùilean an lagha, uallach a chur air
òigridh airson an gnìomhan gu bhith a’ tighinn fon phrosbaig ann an Comataidh Co-ionnanachdan
agus Còraichean Daonna ann an Taigh an
Ròid.
Ged a tha an aois aig a bheil uallach airson eucoirean ann an Alba—aig
ochd bliadhna a dh’aois, an ìre as ìsle anns an Roinn-Eòrpa—gu bhith air
àrdachadh le Riaghaltas na h-Alba, tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air
na molaidhean ùra.
Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bho acadaimigich, bho dhaoine a tha
ag obair ann an raon ceartas eucoireachd, bho fhulangaichean eucoir agus, gu
cudromach, bho dhaoine òga agus bhuapasan a bha roimhe nan ciontaich òga. Thèid
goireas a chruthachadh mar chuideachadh airson tidsearan agus ceannardan
bhuidhnean òigridh air chor ’s gun tachradh seo.
A’ bruidhinn nuair a chaidh an gairm airson fianais a chur air bhog,
thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicShealbhaich
BPA:
“Tha an aois aig a bheil uallach ort airson nan gnìomhan agad bunasach
ri siostam ceartas na h-eucoireachd, agus dh’fhaodadh sin buaidh mhòr a thoirt
air beatha duine òig.
“Feumar còraichean na h-òigridh, còraichean nam fulangaichean eucoir
agus còraichean na coimhearsnachd nas fharsainge a bhith air an
co-chothromachadh, agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil mòran
mion-fhiosrachaidh anns an reachdas seo. ’S ann air an adhbhar sin gu bheil
sinn ag iarraidh a chluinntinn bho uidhir ’s a ghabhas de dhaoine.
“Tha a’ choimhearsnachd air fad ag iarraidh comann sòisealta a tha
sàbhailte agus far a bheil urram ga thoirt do chòraichean dhaoine òga – tha
feum againn obrachadh a-mach mar as fheàrr as urrainn dhuinn an t-amas sin a
choileanadh.”
Tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan chan ann dìreach air àrdachadh
na h-aois far a bheil uallach airson eucoirean gu 12, mar a mhol Riaghaltas na
h-Alba. Tha iad cuideachd ag iarraidh a bheachdachadh air: foillseachadh eucoirean a rinneadh leothasan a bha fo aois 12; am bi na riaghailtean ùra a’
co-chothromachadh chùisean a thaobh fhulangaichean; agus iomchaidheachd nan
cumhachdan airson a’ phoileis a thaobh dèiligeadh ri droch ghiùlan leothasan a
tha fo aois 12.
Cùl-fhiosrachadh
Tha Comataidh air Còraichean na Cloinne aig na Dùthchannan Aonaichte a’
moladh 12 bliadhna mar an aois as ìsle aig a bheil uallach
airson eucoirean, nì ris a bheil am Bile a’ leantainn.
Chan e an aois aig a bheil uallach airson eucoirean an aois bhon am faod
clann tighinn fo raon-ùghdarrais siostam ceartas na h-eucoireachd. Ged a tha an
aois aig a bheil uallach airson eucoirean ochd bliadhna a dh’aois, tha an aois
aig am faod casaid a chur às an leth 12 bliadhna a dh’aois; is e sin an aois
bhon am faod casaid a chur às leth clann ann an cùirt airson eucoirean. Chan
fhaod casaid a chur às leth clann a tha barrachd is 12 bliadhna a dh’aois ach a
tha fo 16 bliadhna a dh’aois ach fo stiùireadh a’ Mhorair Tagraidh.
Ged nach faod casaid a chur às leth clann a tha fo 12 bliadhna a dh’aois
ann an cùirt ann an Alba, faodaidh uallach a bhith air clann airson eucoir bho
aois ochd bliadhna. Ma thèid a ghabhail ris no a stèidheachadh gun deach eucoir
a dhèanamh le pàiste a tha ochd bliadhna a dh’aois no nas sine, faodaidh sin a
bhith air a rùn-phàirteachadh mar dhìteadh – rud a dh’fhaodadh buaidh mhòr a
thoirt air cothroman beatha a’ phàiste an dèidh làimhe.