Leasanan thar a’ Chuain Siar do Phàrlamaid na h-Alba

05.04.2018

Thèid Seachdain na h-Alba a chomharrachadh le Pàrlamaid na h-Alba a-rithist nuair a bhios buidheann-riochdachaidh a’ tadhal air New York, Baile Québec agus Washington DC.

Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh aig ceann buidhne-riochdachaidh sa bheil Johann NicLaomainn BPA agus Clare Haughey BPA, agus bidh iad a’ gabhail pàirt ann an caismeachd Latha a’ Bhreacain còmhla ris an Àrd Mharshall KT Tunstall –  a’  chiad Àrd Mharshall boireann anns na fichead bliadhna den chaismeachd. Bidh na BPA a’ tighinn còmhla ri pìobairean, còmhlain agus dannsairean a’ dèanamh an slighe sìos an Siathamh Avenue ann an New York.

A bharrachd air a bhith a’ riochdachadh na Pàrlamaid aig a’ chaismeachd, bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh ri buidhnean leithid Boireannaich nan Nàiseanan Aontaichte agus Oifis Maoir Chathair-bhaile New York.  Bruidhnidh iad mu innleachdan ùra a’ gabhail a-steach iomairt Smart City New York, agus ceannardas boireann ann an com-pàirteachadh poilitigeach.

An uair sin bidh a’ bhuidheann-riochdachaidh a’ dol a Québec far an coinnich iad ris a’ Cheann-suidhe, Buill agus oifigearan Sheanadh Nàiseanta Québec. Bidh iad a’ deasbad chuspairean mar ath-leasachadh pàrlamaideach, mar a dhèilig Pàrlamaid na h-Alba ris na casaidean sàrachadh feise a nochd an seo as t-fhoghar sa chaidh an dèidh gluasad #MeToo, ceangal taobh a-muigh, agus foghlam.

Mu dheireadh, ann an Washington DC, coinnichidh a’ bhuidheann-riochdachaidh ri diofar thaighean-meòrachaidh, Oifis a’ Mhaoir agus Oifis Buidseit a’ Chongress. Is e fòcas nan còmhraidhean obair ‘taigh-meòrachaidh’ Pàrlamaid na h-Alba, Fòram Alba san Àm ri Teachd. Bithear a’ roinn fiosrachadh len com-pàirtichean sna Stàitean air oidhirpean an Fhòraim gus beachdachadh air ceistean poileasaidh connspaideach, leithid robotaireachd agus poileasaidh dhrugaichean, ann an dòigh fhad-ùine, neo-phàirteach, agus bidh iad a’ sireadh fiosrachadh a chuireas ris an obair aca.

A’ bruidhinn ron turas, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Coinneach Mac an Tòisich BPA:

"Tha an turas seo na chothrom daingneachadh a dhèanamh air a’ chàirdeas agus na ceanglaichean a tha air sgaoileadh thar a’ Chuan Siar airson iomadh ginealach, agus dèanamh cinnteach gu bheil iad fhathast ann airson bliadhnaichean ri thighinn.

"Tha Seachdain na h-Alba agus Latha a’ Bhreacain na chothrom do mhilleanan de dhaoine an ceanglaichean ri Alba a chomharrachadh. Bidh ar buidheann-riochdachaidh còmhla riutha a’ comharrachadh nan ceanglaichean sin, chan ann a-mhàin air sràidean New York, ach ann an cuideachd cheannardan timcheall Ameireaga a Tuath. 

"A thuilleadh air a bhith a’ roinn na tha sinn a’ toirt gu buil gu soirbheachail, agus far a bheil sinn ri innleachdas, bidh sinn cuideachd ag èisteachd agus ag iarraidh leasanan ionnsachadh bho ar luchd-compàirt uair sam bith as urrainn dhuinn".

Cùl-fhiosrachadh

Tha Johann NicLaomainn BPA na Neach-gairm air Comataidh nan Athchuingean Poblach agus na h-Iar Neach-gairm air a’ Chomataidh Foghlaim agus Sgilean. Tha i cuideachd na ball de Bhuidheann Comhairleachaidh An Oifigeir Riaghlaidh air ath-leasachadh pàrlamaideach.

Tha Clare Haughey BPA na Neach-gairm air a’ Chomataidh Inbhean, Dhòighean-obrach agus Cur-an-Dreuchd Phoblaich, agus na Ball Bùird de dh’Fòram Alba san Àm ri Teachd.

Am-bliadhna, bidh KT Tunstall aig ceann Caismeachd Latha a’ Bhreacain, a’ chiad bhoireannach a fhuair dreuchd an Àrd Mharshall ann am 20 bliadhna a’ chaismeachd.

Bhon Ghiblean an-uiridh, tha an t-Oifigear Riaghlaidh air fàilte a chur air Luchd-labhairt Cholombia Bhreatannaich (Darryl Plecas) agus Ontario (Dave Levac), agus inntearnaich bho Phàrlamaidean Feadarail Chanada agus Pàrlamaid Québec, gu Taigh an Ròid.

Thug an t-Oifigear Riaghlaidh cuideachd fianais seachad do Chomataidh Nuadhachaidh Seanadh Chanada, tro cheangal bhidio, às deidh dha tadhal air a’ Phàrlamaid Fheadarail sa Ghiblean an-uiridh.

Tha liosta iomlan gu h-ìosal de na buidhnean ris a bheil a’ bhuidheann-riochdachaidh an dùil coinneachadh:

· Boireannaich nan Nàiseanan Aonaichte

· Malairt Stoc New York

· Oifisean Maoir Chathair-bhaile New York agus Maoir Washington DC 

· Cuirm Luchd-ceumna Oilthighean na h-Alba

· Buill agus Oifigearan an Assemblée National du Québec (a’ gabhail a-steach Ceann-suidhe an t-Seanaidh Nàiseanta agus Cathraichean Comataidh)

· Roinn Còmhdhail nan SA

· Buidheann Eadar-nàiseanta an Luchd-obrach

· Oifis Buidseit a’ Chongress

· Ionad Poileasaidh Dà-phàirteach,

· An t-Institiùd Deamocratach Nàiseanta,

· Fòram Prìobhaideachd san Àm ri Teachd, agus

· Pròiseact nam Mìle Bliadhna 

Bho 1998, tha Latha a’ Bhreacain air a bhith aithnichte le Taigh Riochdairean na SA mar chomharrachadh oifigeil air na tha Albannaich Ameireaganach air cur ri cultar agus beatha nan SA.

Is e prògram seachdaine de thachartasan ann an Canada agus New York a tha ann an Seachdain na h-Alba 2018, ag amas air a h-uile rud Albannach a bhrosnachadh. Tha caogad millean neach air feadh an t-saoghail den bheachd gu bheil buntainneas aca ri Alba – a’ mhòr-chuid ann an Ameireagaidh agus Canada.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na tachartasan uile ann an Seachdain na h-Alba (làrach-lìn taobh a-muigh) ri fhaighinn air-loidhne.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.