Dè seòrsa Alba a tha sibh ag iarraidh? Taigh an Ròid dol a bheachdachadh air amasan leasaichte Riaghaltas na h-Alba airson a’ chomann-shòisealta.

04.04.2018

Tha Riaghaltas na h-Alba an-diugh a’ beachdachadh air àrd-amasan leasaichte airson na h-Alba agus na tha e an dòchas a choileanadh thar nan deich bliadhna a tha romhainn – ach dè an ìre gu bheil na h-atharrachaidhean sin feumail agus freagarrach, agus dè an ìre gu bheil sinn gan iarraidh?

Is iad seo an seòrsa cheistean air am bi Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan Pàrlamaid na h-Alba a’ beachdachadh nuair a tha iad a’ sgrùdadh nan Cinn-uidhe Nàiseanta a leanas:

·         Tha sinn a’ fuireach ann an coimhearsnachdan a tha in-ghabhalach, cumhachdach, seasmhach agus sàbhailte

·         Bidh sinn a’ dèiligeadh ri bochdainn le bhith a’ co-roinn chothroman, beairteas agus cumhachd ann an dòigh nas cothromaiche

·         Bidh sinn a’ fàs suas ann an àrainneachd ghràdhach, shàbhailte far a bheil spèis ga thoirt dhuinn, gus an ruig sinn àirde ar comas an

Tha na trì Cinn-uidhe Nàiseanta sin a’ toirt seachad tomhas farsaing de mhathas nàiseanta agus sòisealta, a’ gabhail a-steach raon de thargaidean eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail. Tha gach toradh a’ mìneachadh dè tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh a choileanadh, a’ gabhail a-steach a h-uile càil bho bhith a’ lìbhrigeadh sàr sheirbheisean poblach gu coimhearsnachdan làidir agus taiceil a thogail.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan, Bob Doris BPA: 

“Is e prìomh adhbhar nan Cinn-uidhe Nàiseanta leasaichte seo sealladh soilleir a mhìneachadh airson an ama ri teachd, a’ toirt a-steach mar a lìbhrigeas sinn seirbheisean poblach deatamach agus mar a thogas sinn coimhearsnachdan làidir.

“Tha a’ Chomataidh againn a-nis ag iarraidh beachdan daoine fhaighinn air na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh a thaobh lèirsinn na h-Alba airson choimhearsnachdan agus seirbheisean poblach. A bheil na h-atharrachaidhean sin feumail agus freagarrach agus a bheileas gan iarraidh?

“Bidh sinn a’ bruidhinn air beachdan a gheibh sinn leis a’ Mhinistear agus Riaghaltas na h-Alba agus co-dhiù an lìbhrig na Cinn-uidhe Nàiseanta sin an seòrsa Alba a tha sinn uile ag iarraidh.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha 40 latha aig Pàrlamaid na h-Alba gus a bheachdan a thoirt do Riaghaltas na h-Alba mu na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh, a’ tòiseachadh leis a’ Chomataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan a’ toirt cuireadh do Chomataidhean beachdachadh air na Cinn-uidhe leasaichte anns an raon-ùghdarrais aca. 

Faigh a-mach tuilleadh mu obair na Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan air Cinn-uidhe Nàiseanta

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.