Ceud bliadhna den RAF air a chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba

29.03.2018

Chaidh eachdraidh iongantach agus gaisgich Feachd Rìoghail an Adhair a chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba a-raoir nuair a chumadh cuirm cuimhneachaidh 100 bliadhna an RAF.

Bha an t-Oifigear Riaghlaidh aig Pàrlamaid na h-Alba, Coinneach Mac an Tòisich BPA, a’ cumail an tachartais agus chuir e fàilte air Ceannard Ceann-feachd an Adhair, buill den RAF agus caideatan-adhair bho air feadh na h-Alba gus ceud bliadhna an RAF a chomharrachadh.

Tha a’ chuirm na phàirt de bhliadhna de chomharrachaidhean air feadh na Rìoghachd Aonaichte ris an canar ‘RAF100’, a tha ag aithneachadh euchdan an fheachd-adhair a’ dol bho Bhlàr Bhreatainn gu gnìomhan an latha an-diugh ann an Afghanistan, Iorac agus Sioria. Bidh e cuideachd a’ brosnachadh dhaoine òga gus na sgilean STEM aca a neartachadh agus beachdachadh air dreuchdan adhartach ann an itealanachd, adhair-fhànas agus cyberspace san àm ri teachd.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr. Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Bha e mìorbhaileach a bhith a’ comharrachadh na clach-mhìle shònraichte seo ann an eachdraidh an RAF le buill de dh’Fheachd Rìoghail an Adhair agus caideatan-adhair bho air feadh na h-Alba an t-seachdain seo.

“Ged a tha na comharraidhean ceud bliadhna seo a’ toirt cothrom cudromach seachad gus eachdraidh bheairteach an RAF aithneachadh, tha mi an dòchas cuideachd gum brosnaich iad an ath ghinealach gu bhith am-measg nan innleadairean, luchd-saidheans agus matamataigich as fheàrr san àm ri teachd.”

Thuirt Marshal Sir Steaphain Hillier KCB CBE DFC, Ceannard Ceann-feachd an Adhair:

“Tha am-bliadhna a’ comharrachadh an 100mh Ceann-bliadhna de chruthachadh Feachd Rìoghail an Adhair. Tha Alba riamh air a bhith na phàirt chudromach de sgeulachd an RAF, agus tha sin a’ leantainn an-diugh, gu h-àraidh tro na ceanglaichean fìor mhath a th’ aige le Pàrlamaid na h-Alba.

“Is e ar n-amas le RAF100 a bhith a’ comharrachadh, a’ dèanamh gàirdeachas agus a’ brosnachadh. Chan urrainn dhomh smaoineachadh air àite nas fheàrr airson na cuspairean seo a chur air adhart ann an Alba na ann an seo, gu h-àraidh ar fòcas air daoine òga a bhrosnachadh gus an tàlantan a leasachadh agus na miannan aca a thoirt gu buil.

“Mar a tha tachartasan duilich na seachdain seo chaidh a’ dèanamh soilleir, chan urrainn dhuinn idir dìochuimhneachadh na cunnartan ris a bheil na fir agus boireannaich againn a’ seasamh ann an seirbheis na dùthcha. Tha Feachd Rìoghail an Adhair a’ coimhead air ais le moit air euchdan agus gaisgeachd a mhuinntir tron 100 bliadhna a chaidh seachad; agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri dàrna linn de shoirbheachadh coltach ris, air a lìbhrigeadh le daoine barraichte a tha air an tarraing bho gach pàirt den chomann eadar-mheasgte againn.”

Cùl-fhiosrachadh

Faigh a-mach barrachd mu thachartasan RAF100 air feadh na RA.

Faigh a-mach barrachd mu Phàrlamaid na h-Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.