Tha Comataidh ag ràdh gum bu chòir beachdachadh air an euslainteach gu lèir agus chan e dìreach na comharraidhean-tinneis

29.03.2018

Tha strì còig bliadhna airson aithne agus diagnosis nas fheàrr air euslaintich le galairean na fàireig sgiathaich (thyroid) air adhbharachadh iarrtas an-diugh airson aon phròtacal soilleir airson deuchainnean a thèid a chleachdadh thar na h-Alba gu lèir.

Chaidh an cuspair a thogail an toiseach ann an athchuinge ann an 2013, athchuinge PE1463, agus tha an aithisg an-diugh le Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh gus eòlas euslainteach a chruinneachadh gus am faigh luchd-fulaing an leigheas as freagarraiche.

Tro bheachdachadh na Comataidh, chuala iad naidheachdan duilich mun bhuaidh a bh’ aig an strì airson leigheas air beatha cuid de dhaoine, a’ gabhail a-steach bhon athchuingeach, Lorraine Cleaver.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Johann NicLaomainn BPA:

“Tha na h-eòlasan a tha an athchuinge seo air nochdadh dìreach do-chreidsinneach. Tha an strì làitheil an aghaidh pian leantainneach, tromad-inntinn, agus mì-chinnt gun abhsadh duilich gu leòr, ach tha seo air a dhèanamh nas miosa buileach airson nach eil cuid de dhaoine ann an ùghdarras a’ creidsinn an luchd-fulaing, agus cha dèan sin a’ chùis idir, idir.

“Airson a’ mhòr-chuid, ’s ann air boireannaich a tha an galar seo a’ toirt buaidh. Agus tha mi duilich a ràdh nach eil e a’ cur iongnadh orm gun deach cluas bhodhar a thoirt dha gearan agus guidhe uiread de bhoireannaich. Tha e na phàirt de chùis nas fharsainge nach eileas a’ dèiligeadh ri duilgheadasan slàinte a tha a’ cur air boireannaich mar bu chòir.

“Feumaidh seo stad. Feumaidh sinn èisteachd ri euslaintich agus feumaidh earbsa a bhith aig euslaintich gun tèid an creidsinn. Sin an t-adhbhar gu bheil sinn air pròtacal dheuchainnean nàiseanta iarraidh a thuilleadh air barrachd rannsachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheileas a’ dèiligeadh ri euslaintich mar dhaoine fa leth agus chan ann dìreach mar comharraidhean-tinneis air duilleag.”

A thuilleadh air an stiùireadh shoilleir, dh’iarr a’ Chomataidh cuideachd air buidhnean proifeasanta obrachadh gu dlùth le buidhnean taic euslaintich agus le daoine fa leth gus barrachd aire a thogail mun chùis. Thuirt an t-Iar Neach-gairm Aonghas Dòmhnallach BPA:

“Tha an aithisg an-diugh a’ comharrachadh clach-mhìle chudromach an dèidh 5 bliadhna de bheachdachadh, agus tha sinn airson taing a thoirt dha na h-athchuingichean airson cùis cho cudromach a thogail.

“Tha e follaiseach gu bheil seo na chùis thoinnte agus bha a’ Chomataidh ceart a bhith a’ toirt ùine a’ rannsachadh agus a’ sgrùdadh gach taobh agus argamaid a chuireadh air ar beulaibh. Tha e follaiseach, ged nach eil aon fhuasgladh ann airson a h-uile trioblaid, gu bheil cothrom ann èisteachd ri eòlas euslaintich, a bharrachd air a bhith a’ toirt a-steach pròtacal soilleir, singilte airson Alba gu lèir.

Gheibhear lethbhreac de dh’aithisg na Comataidh an seo.

Cùl-fhiosrachadh

Air a thoirt a-steach ann an 2013, dh’iarr athchuinge PE1463 gun dèanadh cinnteach gum b’ urrainn do dhotairean-teaghlaich agus eòlaichean-fàireig a bhith a’ dèanamh diagnosis pongail air duilgheadasan na fàireig sgiathaich agus na fàireig adrenal agus a’ toirt seachad an leigheas as freagarraiche.

Ged a chaidh a sgrìobhadh ann an dòigh fharsaing, chuir an athchuinge cudrom air ìslead san fhàireag sgiathach agus na h-euslaintich sin gu h-àraidh a tha fhathast a’ fulang às dèidh dhaibh an leigheas àbhaisteach fhaighinn.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bheachdachadh na Comataidh an seo. 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.