26.03.2018
Tha Comataidh Co-ionnanachd agus Chòraichean Daonna aig Taigh an Ròid gu h-aona-ghuthach air taic a chur ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile Eucoirean Feise Eachdraidheil (Maitheanas agus Dearmad).
Tha am Bile a’ buileachadh maitheanas air fireannaich a chaidh a dhìteadh a thaobh ghnìomhan-feise aona-ghnèitheach nach eil nan eucoir tuilleadh agus ag ràdh gun tèid ‘dearmad’ a dhèanamh air a’ chlàr eucoir aca. Chò-dhùin Buill gu bheil am Bile, le bhith ag aideachadh gu robh seann laghan ‘ceàrr’, agus le bhith a’ tabhann fuasgladh, a’ toirt nàdar de shàsachadh do dhaoine a thàinig fo bhuaidh laghan leth-bhreitheach. Bha roghainnean eile air an deach beachdachadh, leithid dìoladh airgid, no dearmad gun iarraidh, gam meas mì-fhreagarrach no neo-phractaigeach.
Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ cur impidh air Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gun tèid aire a thogail gu gnìomhach mun tagradh a thaobh dearmad a dhèanamh air clàr eucoir, agus gum bi e cho furasta a chleachdadh ’s a ghabhas. Tha iad cuideachd air moladh gun rachadh taic a lìbhrigeadh tron treas roinn no tro thaic le cosgaisean lagha, ma dh’fheumar.
A’ bruidhinn fhad ’s a bha an aithisg ga foillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona NicShealbhaich BPA:
"Tha taic aona-ghuthach na Comataidh na cheum cudromach airson a’ Bhile seo.
“Ged a tha am maitheanas ga thabhann gun iarraidh, tha sinn a’ brosnachadh duine sam bith airidh air dearmad a dhèanamh air a’ chlàr eucoir aca cur a-steach air a shon. Bidh seo a’ ciallachadh nach nochd eucoirean a chaidh a dhubhadh às ann an sgrùdadh eachdaidh duine ma tha thu a’ dèanamh rudeigin leithid cur a-steach airson obair ùr no a’ tabhann a bhith ag obair gu saor-thoileach le buidheann dhìonta no so-leònte.
“Tha a’ Chomataidh an dòchas gun cuidich am Bile seo daoine a’ gluasad air adhart lem beatha, agus gu bheil sinn a’ cur ceart na bha ceàrr o shean.”
Leanaidh am Bile a nis air adhart don phròiseas atharrachaidh ann an Ìre 2, mus tachair deasbad deireannach agus bhòt den làn Phàrlamaid aig Ìre 3. Chan eil fios fhathast cuin a dh’fhosglas an sgeama dearmaid airson tagraidhean.
Cùl-fhiosrachadh
Tha làn thionndadh den aithisg ri fhaighinn an seo.
Tha duilleagan-lìn a’ buntainn ri sgrùdadh na Comataidh rim faighinn an seo.