A’ lorg na dreuchd ceart dhut – tha suirbhidh Comataidh aig Taigh an Ròid a’ faighneachd dè an taic a bhios daoine òga a’ faighinn

23.03.2018

Tha suirbhidh le Comataidh Foghlaim is Sgilean Pàrlamaid na h-Alba a’ faighneachd dè an taic a tha ri fhaotainn do dhaoine òga nuair a tha iad a’ feuchainn ri co-dhùnadh dè a tha iad ag iarraidh a dhèanamh nas fhaide air adhart nam beatha.

Ag amas air daoine òga eadar 15 agus 24, tha an t-suirbhidh airson barrachd ionnsachadh mu carson a bhios daoine òga a’ leantainn shlighean sònraichte, dè tha gan cuideachadh agus dè tha a’ cur bacadh orra, agus a bheil iad a’ faighinn far a bheil iad ag iarraidh a bhith.

Tha seo a’ gabhail a-steach an taic agus am fiosrachadh a tha ri fhaotainn gus an cuideachadh le faighinn a-mach, san sgoil agus às a dhèidh, dè na roghainnean a tha rim faotainn. Bidh e cuideachd a’ rannsachadh ciamar a bhios daoine òga a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mun àm ri teachd.

Rè Bliadhna na h-Òigridh, tha a’ Chomataidh air a ràdh gum bi guthan òigridh bho thoraidhean na suirbhidh gan stiùireadh mus dèan iad co-dhùnadh air dè na cùisean air an dèan iad ceasnachadh sònraichte ann an seiseanan fianais san Ògmhios.

A’ cur na suirbhidh air bhog an-diugh thuirt Neach-gairm na Comataidh, Seumas Dornan BPA:

“Faodaidh an co-dhùnadh mu na tha thu ag iarraidh a dhèanamh san àm ri teachd tighinn aig aon de na h-amannan as dùbhlanaiche nad bheatha. Eadar 15 agus 24 tha thu a’ feuchainn ri co-dhùnadh càit a bheil thu airson a dhol no dè tha thu ag iarraidh a dhèanamh agus faodaidh seo a bhith doirbh gun taic cheart.

“Gu tric bidh sinn a’ cluinntinn mu cho cudromach ’s a tha cinn-uidhe tharbhach dha na daoine òga againn, ach tha fios againn nach eil na cinn-uidhe sin furasta a ruisginn dha cuid de dhaoine. Tha e doirbh co-dhùnadh dè a nì thu nuair a dh’fhàgas tu an sgoil agus tha e doirbh an taic riatanach fhaighinn.

“Tha uiread roghainnean ann, ged a bhiodh tu a’ dol gu obair, gu preantasachd no gu colaiste no oilthigh. Mura h-eil fios aig daoine òga gu bheil na roghainnean sin ann agus, nas cudromaiche, mura h-eil iad a’ faighinn taic gus an dreuchd cheart fhaighinn dhaibh fhèin, chan urrainn dhaibh an làn chomas a choileanadh.”

Tha an t-suirbhidh a chaidh a-mach an-diugh cuideachd a’ faighneachd mu thaic taobh a-muigh na sgoile a dh’fhaodas a bhith na chuideachadh a cheart cho math nuair a tha co-dhùnaidhean gan dèanamh mun àm ri teachd.

Faodar lethbhreac den t-suirbhidh a lorg an seo.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu obair na Comataidh air duilleag-lìn na Comataidh an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.