Esther McVey BP gu bhith a’ nochdadh aig Comataidh ann an Taigh an Ròid

19.03.2018

Thig na trioblaidean leantainneach le Creideas Coitcheann, a bharrachd air tiomnadh chumhachdan air sochairean sòisealta, fon phrosbaig aig Comataidh Tèarainteachd Shòisealta ann am Pàrlamaid na h-Alba agus iad a’ cluinntinn bhon Fhìor Urr. Esther McVey, Rùnaire na Stàite airson Obair is Peinnseanan.

Bidh coinneamh na Comataidh air Diluain 16 Giblean, anns am bi Esther McVey a’ nochdadh aig Taigh an Ròid don chiad turas, a’ tachairt aig àm nuair a tha Pàrlamaid na h-Alba a’ beachdachadh air Bile Tèarainteachd Shòisealta. Fon Bhile, bithear a’ dèiligeadh ri tiomnadh chumachdan air 11 sochairean sòisealta agus caiteachas luach £2.9 billean gach bliadhna.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Clare Adamson BPA:

“Tha a’ choinneamh seo a’ tighinn aig àm cudromach airson tèarainteachd shòisealta ann an Alba. Chan ann a-mhàin gu bheil a’ Phàrlamaid an impis dreachd dheireannach a chur air Bile Tèarainteachd Shòisealta, ach tha e soilleir gu bheil duilgheadasan ann a thaobh cur air bhog a’ Chreideis Choitchinn a dh’fheumar fuasgladh agus fuasgladh gu luath. ’S ann air an adhbhar sin a tha a’ Chomataidh againn toilichte gum bi Rùnaire na Stàite a’ nochdadh air ar beulaibh.

“Bidh sinn a’ cleachdadh na coinneimh seo a bhruidhinn mu dheidhinn nan cuspairean seo agus a dhèanamh cinnteach gum bi eadar-ghluasad nan cumhachdan a’ tachairt gu rèidh. Ach nas cudromaiche, bidh sinn a’ cleachdadh a’ chothroim seo a dhèanamh cinnteach nach bi duine dhinn a’ dèanamh dearmad orrasan air am bi na h-atharrachaidhean a’ toirt buaidh agus gum faod earbsa a bhith aig a h-uile duine ann an siostam na tèarainteachd sòisealta.”

Bidh a’ choinneamh a’ gabhail àite air Diluain 16 Giblean, agus thèid barrachd fiosrachaidh, leithid fiosrachadh air àm na coinneimh, a sgaoileadh nas fhaisge air an latha.

Cùl-fhiosrachadh

Thug a’ Chomataidh cuireadh don Rùnaire na Stàite a bha ann an dreuchd roimhe, am Fìor Urr David Gauke BP, a thighinn gu coinneamh anmoch ann an 2017. A’ leantainn air gluasad buill a’ Chaibineit aig ìre na Rìoghachd Aonaichte, chaidh an cuireadh seo a thoirt gu Esther McVey BP mar an neach a thàinig na àite.

Nochd Rùnaire na Stàite a bha ann, am Fìor Urr. Damian Green BP, air beulaibh na Comataidh air 3 Samhain 2016. B’ e seo a’ chiad turas a bha Ministear bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air nochdadh air beulaibh na Comataidh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air a’ choinneimh sin an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.