Mus tòisich iad air beachdachadh air Bile Riaghladh Eucoraich (Alba), a chaidh a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba, tha Comataidh a’ Cheartais a’ cur air bhog gairm airson bheachdan.

16.03.2018

Mus tòisich iad air beachdachadh air Bile Riaghladh Eucoraich (Alba), a chaidh a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba, tha Comataidh a’ Cheartais a’ cur air bhog gairm airson bheachdan.

A bharrachd air dèanamh comasach tuilleadh cleachdadh de thagadh (tagging) eileagtronaigeach, bidh am Bile a’ lùghdachadh na h-ùine a dh’fheumas dol seachad mus bi dìteadh ‘air a chaitheamh’ air los rùn-phàirteachadh (disclosure)  agus bidh e ag atharrachadh mar a tha bùird paròil air an dèanamh suas.

Mar thoradh air na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh, dh’fhaodadh eucoraich a bhith a’ giùlan tagaichean le teicneòlas adhartach geò-lorgadh GPS. Tha Ministearan cuideachd a’ coimhead air adhart gu àm nuair a dh’fhaodadh tagaichean a bhith air an cleachdadh gus alcol no drugaichean aithneachadh ann an aorabh an eucoraich. Bidh am Bile a’ dèanamh nam moladh seo comasach, a bharrachd air ceuman eile san àm ri teachd.

A bharrachd air sin, bidh am Bile ag ath-leasachadh an lagha air cuin a bhithear a’ rùn-phàirteachadh fiosrachaidh gu daoine eile, leithid luchd-fastaidh, air eucoirean a rinneadh roimhe. Gu h-iomlan, tha am Bile a’ gluasad a dh’ionnsaigh lùghdachadh an riatanais airson rùn-phàirteachaidh le bhith a’ lùghdachadh nan ceann-ama mus bi dìtidhean ‘air an caitheamh’. Mar eisimpleir, airson binn prìosain a mhair eadar 1 is 2 bhliadhna, bidh an t-àm airson rùn-phàirteachadh a’ tuiteam bho 10 gu 3 bliadhnaichean. Cha bhi am Bile a’ toirt buaidh air an rùn-phàirteachadh aig ‘ìre nas àirde’, mar a chanar ris, airson raointean fastaidh a tha nas tioma.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithris gu bheil iad ag amas air barrachd cuideim a chur air casg eucoirean, air ath-ghnàthachadh, agus air taic airson luchd-fulaing.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an gairm airson fianais a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh Mairead Mitchell BPA:

“Tha e soilleir gum feumar beachdachadh gu cùramach air atharrachaidhean sam bith don dòigh sa bheil sinn a’ làimhseachadh luchd-eucoir. Bidh Buill ag iarraidh a bhith riaraichte gu bheil na h-ullachaidhean seo a’ co-chothromachadh gu h-iomchaidh eadar eucoir a chasg, taic a thoirt do luchd-fulaing agus eucoraich ath-ghnàthachadh.

“Bithear ag iarraidh air raon farsaing de chom-pàirtichean fianais a thoirt dhuinn, nam measg a’ cheàird laghail, luchd-fulaing na h-eucorach agus seann eucoraich.

“Bidh mòran daoine ann le beachdan luachmhor air na ceistean seo, agus bidh na barailean seo a’ cuideachadh cumadh a thoirt do dh’aithisg na comataidh aig ìre aon, a bharrachd air aig ìrean nas anmoiche den Bhile rè a’ chùrsa phàrlamaidich aige.”

Tha an gairm airson bheachdan fosgailte gus Dihaoine 20 Giblean.

Cùl-fhiosrachadh

Tha tuilleadh fiosrachaidh air a’ Bhile, a’ gabhail a-steach clàr-ama airson sgaoileadh fiosrachaidh air dìtidhean ann an clàr A, ri fhaotainn an seo.

Gheibhear an gairm airson fianais bhon Chomataidh an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.