Am bi atharrachaidhean ris an t-siostam dealbhaidh ann an Alba ga dhèanamh nas fheàrr, tha Comataidh ann an Taigh an Ròid a’ faighneachd

15.12.2017

Am bi atharrachaidhean a thathar a’ moladh ris an t siostam dealbhaidh ann an Alba a’ toirt barrachd guth ri coimhearsnachdan air na h-àitichean aca? Agus am bi seo a’ dìon na h-àrainneachd, a thaobh thogalaichean agus nàdair, ann an Alba?

Is iad seo dìreach cuid de na ceistean a bhios Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ faighneachd air a’ Bhile Dealbhaidh (Alba), agus iad an-diugh a’ cur air bhog gairm airson fianais sgrìobhte.

Tha am Bile Dealbhaidh (Alba) ag amas air piseach a thoirt air siostam nam planaichean leasachaidh, taic a thoirt do lìbhrigeadh nan leasachaidhean a chaidh a dhealbhadh agus còir ùr a thoirt do choimhearsnachdan am planaichean fhèin a chruthachadh airson nan àitichean aca.

Tha Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan a-nis ag iarraidh am Bile ùr a chur gu dearbhadh, agus iad a’ sireadh bheachdan a chluinntinn bho chom-pàirtichean mar phàirt den chuid sgrùdaidh aca air an reachdas a thathar a’ moladh.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan, Bob Doris BPA:

“ ’Se amas iomlan nam molaidhean seo an siostam dealbhaidh a neartachadh air chor ’s gun cuirear am meud na tha an siostam a’ cur ri fàs ion-ghabhalta, ri taigheadas agus ri bun-structar ann an Alba.

“Tha am Bile cuideachd ag amas air cumhachd a thoirt do dhaoine le facal a bhith aca, gu ìre nas motha na bha ann riamh, air na h-àitichean aca, air chor ’s gum faod buaidh a bhith aig coimhearsnachdan air planaichean leasachaidh anns na sgìrean ionadail aca.

“Tha a’ Chomataidh againn a-nis ag iarraidh faighinn a-mach am bi am Bile a’ lìbhrigeadh siostam dealbhaidh a tha nas fheàrr agus, ma bhios, am bu chòir dhuinn leasachaidhean no atharrachaidhean a dhèanamh don Bhile air chor ’s gum faod Alba an dòigh-obrach as fheàrr san t-saoghal a leasachadh a thaobh dealbhadh bhailtean mòra, bailtean agus sgìrean dùthchail anns an àm ri teachd.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air ullachadh sam bith anns a’ Bhile, ach bhiodh e na chuideachadh nan robh tagraidhean sgrìobhte a’ dèiligeadh ris na ceistean a leanas:

1. A bheil thu den bheachd gum bi am Bile, san fharsaingeachd, a’ cruthachadh siostam dealbhaidh airson Alba a tha a’ cothromachadh an fheuma air leasachadh freagarrach, air an aon làimh, le beachdan nan coimhearsnachdan agus dìon na h-àrainneachd, a thaobh thogalaichean is agus nàdair, air an làimh eile?

2. Gu dè ìre a thig ìrean nas àirde de thogail thaighean mar thoradh air na molaidhean anns a’ Bhile? Mura tig, dè na h-atharrachaidhean a dh’fhaodar a dhèanamh gus togail thaighean a leudachadh nas motha?

3. Am bi na molaidhean anns a’ Bhile a’ cruthachadh structar a tha làidir gu leòr gus dealbhadh a chumail aig an ìre roinneil, an dèidh do phlanaichean leasachaidh ro-innleachdail a’ tighinn gu crìch? Mura bhios, dè dh’fheumar a dhèanamh gus dealbhadh roinneil a leasachadh?

4. Am bi na h-atharrachaidhean anns a’ Bhile ris an t-susbaint agus ris a’ phròiseas airson Planaichean Leasachaidh Ionadail a chruthachadh a’ coileanadh nan amasan gum bi planaichean air an cruthachadh a tha ag amas air lìbhrigeadh, a tha a’ freagairt ri prìomhachasan eile an ùghdarrais ionadail agus a tha a’ coileanadh feuman nan leasachairean agus nan coimhearsnachdan? Mura bhios, dè na h-atharrachaidhean eile a bu mhath leat fhaicinn?

5. Am biodh Sònaichean Leasachaidh Shìmplichte a’ cothromachadh an fheuma airson leasachaidhean a cheadachadh, air an aon làimh, le barantan gu leòr airson leas na coimhearsnachd agus leas na h-àrainneachd air an làimh eile?

6. A bheil am Bile a’ toirt a-steach dòighean nas èifeachdaiche anns am faod coimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann an leasachadh phlanaichean agus ann an co-dhùnaidhean a bhios a’ toirt buaidh air an sgìre aca? Am bi na Planaichean Àite Ionadail a thathar a’ moladh a’ leigeil le coimhearsnachdan buaidh a bhith aca air planaichean leasachaidh ionadail, agus a bheil am Bile a’ dèanamh cinnteach gu bheil taic ionmhasail is teicnigeach ann, aig ìre a tha freagarrach, airson bhuidhnean coimhearsnachdan a tha airson plana àite ionadail a leasachadh? Mura bheil, dè a bharrachd a dh’fheumar a dhèanamh?

7. Am bi na h-atharrachaidhean ri èigneachadh a tha air am moladh (leithid na h-ìrean as àirde de chàinean agus de dh’ath-bhuannachadh chosgaisean) a’ brosnachadh gèilleadh nas fheàrr ri smachd leasachaidh agus, mura bhios, ciamar a dh’fhaodadh na h-ullachaidhean seo a bhith air an leasachadh?

8. An e a’ Chìs Bun-structair a thathar a’ moladh an dòigh as fheàrr gus tasgadh ann am bun-structar a dhleasadh bho leasachairean? Ciamar a dh’fhaodadh sin buaidh a thoirt air ìrean leasachaidh? A bheil dòighean eile ann (an àite na cìse a thathar a’ moladh) anns am faodar airgead a thogail airson bun-structar a sholarachadh air chor ’s gun toireadh seirbheisean is goireasan gus taic a thoirt do leasachadh fearainn? An gabh leasain ionnsachadh bho mar a tha a’ Chìs Bun-structair ag obrachadh ann an Sasainn?

9. A bheil thu a’ toirt taic don riatanas air comhairlichean riaghaltais ionadail a bhith air an trèanadh ann an cùisean dealbhaidh mus tèid iad an sàs ann an co-dhùnaidhean dealbhaidh? Mura bheil, carson nach eil?

10. Am bi na molaidhean anns a’ Bhile, a tha ag amas air sùil a thoirt air agus piseach a dhèanamh air mar a tha ùghdarrasan dealbhaidh a’ coileanadh an cuid dhleastanasan, a’ cuideachadh a thaobh coileanadh a leasachadh?

11. Am bi na h-atharrachaidhean anns a’ Bhile, a bheir comas do shùbailteachd a thaobh nan cìsean a thathar a’ leagail le comhairlean (leithid cìsean a leagail no a chur an dàrna taobh airson sheirbheisean àraid), a’ toirt a-steach maoin gu leòr do roinnean dealbhaidh ann an ùghdarrasan ionadail gus siostam dealbhaidh a lìbhrigeadh aig am bi an sàr-choileanadh a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh? Mura bhios, dè a dh’fheumas atharrachadh?

12. A bheil beachdan sam bith eile a tha thu ag iarraidh a thoirt air a’ Bhile?

Is e 2 Gearran 2018 an ceann-latha airson tagraidhean. Faigh a-mach barrachd air làrach-lìn Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan.

Cuir do bheachdan a-steach an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.