Atharrachaidhean a dhìth gus sgrùdadh pàrlamaideach a dhèanamh cinnteach air ullachaidhean tèarainteachd shòisealta

11.12.2017

Tha atharrachaidhean a dhìth ma thathar gu bhith a’ dèanamh cinnteach gum faod Pàrlamaid na h-Alba am mion-fhiosrachadh a sgrùdadh air mar a bhios siostam ùr airson tèarainteachd shòisealta ann an Alba ag obrachadh. Tha seo a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Tèarainteachd Shòisealta ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha aithisg na Comataidh a’ leantainn air beachdachadh air Bile Tèarainteachd Shòisealta, a chuireas an gnìomh aon de na h-atharrachaidhean as motha a thaobh chumhachdan bho chaidh fèin-riaghladh a stèidheachadh. Tha am Bile a’ rèiteachadh an rathaid airson Riaghaltas na h-Alba an rianachd a ghabhail thairis air 11 sochairean, nam measg Cuibhreann Bith-beò Ciorramachd, Pàigheadh Connadh a’ Gheamhraidh agus Cuibhreann an Luchd-cùraim. Tha e cuideachd a’ sònrachadh seachd prionnsabalan air am bi siostam na tèarainteachd sòisealta ann an Alba a stèidheachadh.

Tha am Bile a’ moladh gum fàgar mòran den mhion-fhiosrachadh, air mar a bhios an siostam ag obrachadh ann an cleachdadh, gu Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh soilleir ann an riaghailtean. Fhuair a’ Chomataidh tòrr fianais a’ moladh nach eil an cothromachadh iomchaidh ann eadar na tha sa bhile agus na bhios ann an riaghailtean. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh ri seo fhad ’s a tha am Bile a’ dol air adhart.

Chan eil a’ Chomataidh den bheachd gu bheil am Bile a’ ceadachadh sgrùdadh freagarrach air a’ mhion-fhiosrachadh. Dh’iarr iad air Riaghaltas na h-Alba molaidhean a chur air adhart agus mhol a’ Chomataidh gum bu chòir gun cruthaicheadh Comataidh Comhairleachaidh air Tèarainteachd Shòisealta Albannach a tha neo-eisimeileach.

Tha aithisg na Comataidh a’ cur fàilte air na prionnsabalan reachdail air am bi siostam na tèarainteachd sòisealta ann an Alba a stèidheachadh, ach tha i a’ toirt fa-near gu bheil mì-chinnt ann air an inbhe laghail aca, a dh’fhaodadh buaireas adhbharachadh. Dh’iarr a’ Chomataidh air Riaghaltas na h-Alba an inbhe seo a dhèanamh soilleir agus am Bile atharrachadh far a bheil sin iomchaidh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Clare Adamson BPA:

“Tha am Bile air ar beulaibh na chomharra-iùil mar phìos reachdais. Bidh e a’ stèidheachadh an fhrèama airson siostam ùr dhe tèarainteachd shòisealta ann an Alba, a bhios a’ toirt buaidh air barrachd air millean daoine. ’S ann air an adhbhar sin a tha e cho cudromach gu bheil sinn a’ faighinn a’ Bhile seo ceart.

Fhad ’s a bha a’ Chomataidh aon-ghuthach a thaobh aontachadh ris na prionnsabalan coitcheann, ann an cuid de raointean rinneadh co-dhùnaidhean leis a’ mhòr chuid.

“Chuala a’ Chomataidh againn mu dheidhinn a’ mhodh dheimhinneach agus ion-ghabhalaich a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt anns a’ Bhile, agus feumar fàilte a chur air seo. Ach bidh an dòigh sa bhios am Bile seo ag obrachadh ann an cleachdadh a cheart cho cudromach, agus ’s ann air an adhbhar sin a dh’iarr sinn air an Riaghaltas ath-bheachdachadh air a’ chothromachadh eadar na h-ullachaidhean a tha air aghaidh a’ Bhile agus na bhios ann an riaghailtean. Le nì a tha cho cudromach, tha e deatamach gum bi an cothrom aig a’ Phàrlamaid agus buidhnean eile na planaichean a sgrùdadh.

“A chionn ’s gu bheil na prionnsabalan air an gabhail a-steach ann, bidh urram aig cridhe an t-siostaim Albannaich, agus tha e dligheach gun deach fàilte chridheil a chur air seo. Air chor ’s gum bithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil seo aig cridhe an t-siostaim, tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba inbhe laghail nam prionnsabalan a dhèanamh soilleir, los gum faod earbsa a bhith acasan a tha a’ cleachdadh an t-siostaim air mar a bhios iad ag obrachadh.”

Chuala a’ Chomataidh cuideachd mu dheidhinn dè cho cudromach ’s a tha tagradaireachd neo-eisimeil. Mhol a’ Chomataidh gun sgrìobhtadh a’ chòir air tagradaireachd neo-eisimeileachd air aghaidh an reachdais seo. Bhiodh moladh eile bhon Chomataidh a’ cur dleastanais air Ministearan Albannach a dhèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt do phearsachan na sochairean ris a bheil iad ion-roghnach.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh am Bile Tèarainteachd Shòisealta (Alba) a thoirt a-steach mar thoradh air ullachaidhean ann an Achd na h-Alba 2016. Tha na h-ullachaidhean seo a’ toirt comais laghail do Phàrlamaid na h-Alba air ciorramachd, leòintean gnìomhachais agus sochairean luchd-cùraim, sochairean màthaireil agus sochairean airson adhlacaidhean agus cosgaisean teasachaidh a bharrachd air Pàigheadh Taigheadais fo Ùghdarras.

Is iad na sochairean a thig gu Alba mar thoradh air a’ Bhile:

  • Cuibhreann Bith-beò Ciorramachd;
  • Pàigheadh Neo-eisimeileachd Pearsanta;
  • Cuibhreann Frithealaidh;
  • Cuibhreann nan Glè-chiorramach agus Sgeama Leòintean Gnìomhachais;
  • Cuibhreann Luchd-cùraim;
  • Tabhartasan Màthaireil Sure Start
  • Pàigheadh Adhlacaidh;
  • Pàigheadh Aimsir Fhuar agus Pàigheadh Connadh a’ Gheamhraidh 
  • Pàigheadh Taigheadais fo Ùghdarras.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a’ Bhile an seo 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air beachdachadh na Comataidh air a’ Bhile an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.