Luchd-gairm Chomataidhean dol a cheasnachadh a’ Phrìomh Mhinisteir

12.10.2017

Chaidh a ghairm an-diugh gu bheil luchd-gairm nan 15 comataidh Pàrlamaid na h-Alba dol a cheasnachadh a’ Phrìomh Mhinisteir air a’ Phrògram Riaghaltais aice.Committee Conveners to Quiz First Minister

Le Comataidhean uile a’ sgrùdadh portfolio an Riaghaltais, gheibh am Prìomh Mhinistear ceistean air raon farsaing de chuspairean, a’ gabhail a-steach foghlam, slàinte, Brexit agus eile.

Chaidh a ghairm cuideachd gun tachair seisean den leithid dà uair sa bhliadhna, le dùil ri seisean eile sa Mhàrt 2018.

A’ bruidhinn ron choinneamh, thuirt Neach-cathrach Buidheann an Luchd-gairm, Leas-oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA:

“’S e sgrùdadh leantaileach, mionaideach obair an t-seisein seo agus sin an obair air a bheil ar comataidhean air leth math. Cuiridh an luchd-gairm ceistean air a’ Phrìomh Mhinistear air a h-uile cuspair eadar slàinte is foghlam gu an àrainneachd, tèarainteachd shòisealta, agus, gun teagamh, Brexit.

“Cha bhi càil a dhìth cheistean oirnn agus, le uiread chùisean cudromach ag èirigh, tha mi cinnteach gum bi deasbad inntinneach againn.”

Anns a’ chathair airson an t-seisein, a bhios air Diciadain 25 Dàmhair, bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh agus Neach-cathrach Buidheann an Luchd-gairm, Cairistìona Ghreumach BPA. Tachraidh e eadar 12:30 agus 2f, air Diciadain 25 Dàmhair.

Tha fàilte ron phoball agus luchd-naidheachd a bhith an làthair. Faodar tiogaidean poblach a chlàradh tro Sheirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid. Thèid an seisean a shruthadh air Facebook Live agus T.Bh. na Pàrlamaid.

Cùl-fhiosrachadh

Bidh coinneamh Buidheann an Luchd-gairm aig 12.30f air Diciadain 25 Dàmhair ann an Seòmar Comataidh 2. Gus fhaicinn beò, tagh Seòmar Comataidh 2 air Parliament TV.

Is e seo an còigeamh turas a tha Prìomh Mhinistear air tighinn air beulaibh Luchd-gairm nan Comataidhean.

Bidh ìomhaighean ann den t-seisean, cuir fios air Greg Black airson an sgaoileadh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.