04.08.2017
Tha taisbeanadh, a tha an-asgaidh, de dhealbhan-camara gu bhith air a shealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba san Lùnastal, agus am measg nan ìomhaighean cumhachdach a chithear tha: Usain Bolt a’ dol seachad air an loidhne aig na Geamannan Oilimpigeach ann an Rio ann an 2016; boireannach a’ seasamh gu daingeann aig caismeachd ann an Louisiana, agus i a’ togail fianais an aghaidh oifigearan-poileis a bha air fòirneart a dhèanamh air fireannaich dhubha; agus brat de dhealain-dè monarch a’ còmhdach na talmhainn sa choille ann an Tèarmann Dhealan-dè ann am Meagsago.
Ann an Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail chithear còrr is 140 de na dealbhan-naidheachd as drùidhtiche, as dùbhlanaiche agus as smaoineachail a chaidh a thogail air feadh na cruinne ann an 2016.
Bidh an taisbeanadh iomraiteach, a bhios ga shealltainn air feadh an t-saoghail, ri fhaicinn aig Pàrlamaid na h-Alba bho Dihaoine 4 Lùnastal gu Disathairne 26 Lùnastal 2017, agus tha e an-asgaidh.
Chuir còrr is 5,000 dealbhadair a-steach airson na farpais-dhealbhan bho 125 diofar dhùthchannan, agus iad ag innse sgeulachdan tro na dealbhan-camara aca bho shaoghal an latha an-diugh agus na dealbhan fo dhiofar chinn leithid Naidheachdan ann an Làrach nam Bonn, Naidheachdan Coitcheann, Cùisean Co-aimsireil, Beatha Làitheil, Daoine, Spòrs, Nàdar agus Pròiseactan thar Ùine Fhada.
A’ foillseachadh na naidheachd mun taisbeanadh, thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA:
“Fiù ’s don fheadhainn againn a tha cumail sùil gheur air na naidheachdan, tha an taisbeanadh air leth seo a’ sealltainn mar as urrainn do dhealbhan-naidheachd sgeulachdan drùidhteach, toinnte agus brosnachail innse a bheir buaidh air an dòigh sa bheil sinn a’ coimhead air agus a’ tuigsinn an t-saoghail.
“Tha sinn beò ann an linn nam meadhanan sòisealta, agus cha robh dealbhan-naidheachd riamh cho cudromach ann a bhith toirt nan naidheachdan thugainn gu luath agus le barrachd buaidhe na meadhan sam bith eile. Tha sin fhathast cho fìor ’s a ghabhas agus tha feadhainn de na dealbhan as làidire a bh’ againn riamh againn am-bliadhna eadar ìomhaighean fìor iomraiteach is dealbhan glè phearsanta.
“Tha sinn a-rithist glè mhoiteil gur i a’ Phàrlamaid an aon àite ann an Alba far am faicear an taisbeanadh seo agus gur sinne an aon Phàrlamaid air an t-saoghal far an tèid an taisbeanadh a shealltainn. Tha mìltean thar mhìltean de dhaoine air tadhal air a’ Phàrlamaid gus coimhead air Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail ron seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith cur fàilte air barrachd luchd-tadhail buileach san Lùnastal gus feadhainn de na dealbhan-naidheachd as fheàrr air an t-saoghal fhaicinn.”
Cùl-fhiosrachadh
Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail 2017
Dihaoine 4 Lùnastal – Disathairne 26 Lùnastal 2017 (dùinte Didòmhnaich). Tha e AN-ASGAIDH.
Tha Stèidheachd Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail air a ruith mar bhuidhinn neo-eisimeilich, neo-phrothaid le oifis ann an Amsterdam, san Òlaind, far an deach Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail a stèidheachadh ann an 1955. Tha Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail a’ faotainn taic bho Chrannchur Còd-puist na h-Òlaind agus tha e a’ faighinn taic-urrasachd air feadh an t-saoghail bho Chanon.
Tha e na amas do Stèidheachd Taisbeanadh Dealbhan-naidheachd an t-Saoghail a bhith toirt taic do agus a’ cur air adhart sàr ìrean-obrach airson dealbhan-naidheachd agus dealbhan-aithriseach air feadh an t-saoghail. Bidh luchd-eagrachaidh na farpaise a’ feuchainn ri ùidh is taic a bhrosnachadh gu fad is farsaing am measg a’ mhòr-shluaigh a thaobh obair nan dealbhadairean-naidheachd agus bidh iad a’ feuchainn ri dealbhan-naidheachd a chur fa chomhair an t-sluaigh. Tha iad gu làidir den bheachd gun urrainnear sgeulachdan drùidhteach is brosnachail innse tro naidheachdan lèirsinne ann an dòigh chumhachdach, sgeulachdan a tha toirt buaidh oirnn uile gach latha. Chuir mu 5,000 dealbhadair còrr is 80,000 dealbh a-steach bho 125 dùthchannan, agus rinn diùraidh de dh’eòlaichean neo-eisimeileach breithneachadh air an fharpais aig a bheil cliù agus tarraing eadar-nàiseanta.