Taipeis Phrestonpans ga sealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba

31.05.2017

Tha 10 millean lùb dhathte ann, thug e 25,000 uair a shìde de dhìcheall is obair chruaidh gus a dhèanamh agus tha e tha e a’ toirt dealbh dhuinn air an turas a ghabh aon de na daoine as ainmeil ann an eachdraidh na h-Alba.

Tha Taipeis (Tapestry) Phrestonpans, a bhios ri fhaicinn aig Pàrlamaid na h-Alba bho 21 Ògmhios 2017, a’ sealltainn an turais iongantaich a ghabh Prionnsa Teàrlach a dh’Alba.

Tha an taipeis air aon den fheadhainn as motha de a leithid air an t-saoghal agus tha e a’ sealltainn mar a thug na Seumasaich buaidh air saighdearan dearga bho Arm Bhreatainn aig Blàr Sliabh a’ Chlamhain (Gladsmuir) air 21 Sultain 1745.

Dh’obraich an neach-ealain Anndra Crummy, a chruthaich Taipeis Mhòr na h-Alba cuideachd, còmhla ri ceudan de luchd-fuaigheil ann an Alba, san Fhraing, ann an Astràilia agus sna Stàitean Aontaichte gus sgeulachd a’ Phrionnsa Teàrlach agus saoghal nan Seumasach a chur an cèill tro obair ealain.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urramach Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Às dèidh do mar a shoirbhich cho mòr ris an taisbeanadh de Thaipeis Mhòr na h-Alba, tha sinn an dòchas gun còrd Taipeis Phrestonpans a cheart cho mòr ris na daoine a bhios a’ tadhal oirnn.

“Tha an taisbeanadh seo an-asgaidh agus ’s e cothrom air leth a th’ ann do luchd-tadhail sgeulachd a’ Phrionnsa Teàrlach fhaicinn agus an taipeis a’ sealltainn mar a thàinig e a dh’Alba agus mar a thug na Seumasaich buaidh iongantach air na saighdearan dearga aig Blàr Sliabh a’ Chlamhain.

“Faodaidh teaghlaichean, agus luchd-tadhail às bith dè an aois, slighe a’ Phrionnsa a leantainn agus an turas a ghabh e thar Alba o chionn cha mhòr 300 bliadhna. Gu dearbha, tha Lùchairt Taigh an Roid fiù ’s a’ nochdadh san taipeis mar aon de na h-àiteachan far an do stad am Prionnsa às dèidh dha buaidh a thoirt leis aig Blàr Sliabh a’ Chlamhain.”  

Thuirt Anndra Crummy, a chruthaich Taipeis Phrestonpans còmhla ri buidheann de luchd-fuaigheil:

"’S e fìor urram a th’ ann gu bheil Taipeis Phrestonpans gu bhith ga shealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba. Mar phròiseact ealain coimhearsnachd, tha e a’ sealltainn dè dh’fhaodas tachairt nuair a thig daoine còmhla agus iad a’ dèanamh feum den ealantas is sgilean cruthachail aca gus obair ealain fìor mhòr a dhèanamh.

“Tha e gu sònraichte math a bhith dèanamh gàirdeachas ris na sgilean cruthachail aig uimhir de bhoireannaich a chuir ris an taipeis seo leis na comasan mìorbhaileach aca a thaobh obair-ghrèis.”

Cùl-fhiosrachadh

Thèid an taisbeanadh a chumail eadar 21 Ògmhios is 20 Iuchar 2017 agus tha e AN-ASGAIDH.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air Taipeis Phrestonpans an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.