Foghlam Pearsanta agus Sòisealta air a sholarachadh gu neo-chunbhalach ann an sgoiltean na h-Alba

23.05.2017

Tha am Foghlam Pearsanta agus Sòisealta a gheibh òigridh na h-Alba air a sholarachadh ann an dòigh neo-chunbhalach is uireasach ann an cuid de sgoiltean na h-Alba, a rèir an deilbh a thathar a’ nochdadh le Comataidh Foghlam is Sgilean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an co-dhùnadh seo a’ leantainn air rannsachadh goirid le Comataidh Foghlam is Sgilean ann am Pàrlamaid na h-Alba a bha a’ toirt sùil air ciamar, agus dè, a bu chòir a bhith air a theagasg mar phàirt de PSE.

Chuala a’ Chomataidh gu bheil dìth cunbhalachd ann a thaobh na thathar a’ teagasg air feadh na h-Alba, leis a’ bhuil gu bheil òigridh a’ faighinn teagasg ann an dòigh neo-chunbhalach air cuspairean leithid feise agus dàimhean, tuigsinn agus gabhail ri daoine a tha diofraichte, agus mothachadh air slàinte inntinn.

Tha a’ Chomataidh a-nis a’ gairm airson lèirmheas air mar a thathar a’ lìbhrigeadh PSE air feadh nan sgoiltean uile an Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Seumas Ó Dornáin BPA:

“Ged a chuala a’ Chomataidh mu dheidhinn eisimpleirean sàr-mhath is nua-thionnsgach de mar a theagaisgear PSE, tha e soilleir nach eil e na phrìomhachas ann an cuid a dh’àitichean, a dh’aindheoin ’s gu bheil PSE na phrìomh phàirt de Churraicealam airson Sàr-mhathais.

“Fhuair a’ Chomataidh beachdan bho cheudan de thidsearan, pàrantan agus daoine òga, le stòiridhean pearsanta drùidhteach nam measg. Chuala a’ Chomataidh cunntasan iomagaineach nach robh sgoiltean a’ dèiligeadh ri cuspairean cudromach, leithid dè tha ann an aonta feise agus cùisean LGBTI. Gu sìmplidh, chan eil seo math gu leòr.

“Chan e ‘nì math a bhith agad’ a tha ann an cuspair seo. ’Se pàirt chudromach den t-siostam foghlaim a th’ ann, agus faodaidh e àrainneachd in-ghabhaltach a bhrosnachadh, far am faod clann agus òigearan uile ionnsachadh air mar a bheir iad meas dhaibh fhèin agus do chàch.

“Tha e a-nis mar phrìomhachas gum bi lèirmheas ann air mar a thathar a’ lìbhrigeadh PSE anns na sgoiltean againn, agus tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba seo a chur air bhonn cho luath ’s a ghabhas. Faodaidh sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail nithean a dhèanamh an-dràsta, ge-tà, air chor ’s gun dèanar cinnteach gu bheil clann a’ faighinn feabhas bho PSE, leithid le bhith ag obair le daoine òga gus stuth a cho-dhealbhadh agus le bhith a’ conaltradh riutha anns a’ phròiseas oideachaidh.”

Gus taic a thoirt don rannsachadh aca, dh’fhaighnich a’ Chomataidh de sgoilearan agus tidsearan bho air feadh na dùthcha dè na cuspairean a bu chòir a bhith air an teagasg mar phàirt de PSE. Is iad na prìomh chuspairean air an do chuireadh cuideam:

  • foghlam air feise agus dàimhean;
  • in-ghabhalachd;
  • slàinte inntinn;
  • ana-caitheamh dhrogaichean agus alcoil;
  • saoranachd;
  • dealbhadh ionmhasail.

Chuir a’ Chomataidh fàilte cuideachd air a’ bhuidheann-obrach a stèidhich Riaghaltas na h-Alba air foghlam a ghabhas a-steach cùisean LGBTI, agus tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near gun tug Riaghaltas na h-Alba gealltanas gum bi lèirmheas de PSE anns an Ro-innleachd air Slàinte Inntinn 2017-27. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir gur e Foghlam Alba a nì lèirmheas sam bith de PSE agus gum bu chòir don lèirmheas a bhith a’ cur fon phrosbaig SRE agus an ìre ris a bheil PSE a’ cuideachadh sgoiltean a chumail ris na dleastanasan reachdail a tha a-cheana aca.

Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh gu bheil sgoiltean agus tidsearan glè thrang, agus feumaidh lèirmheas sam bith cunntas a ghabhail den eallach obrach aca.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air obair na Comataidh air a’ chùis aig:

http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/103227.aspx.

Cùl-fhiosrachadh

Ann am PSE, is àbhaist gu bheil leasain a’ coimhead air slàinte is soirbheas agus air sgilean practaigeach airson beatha agus rannsachadh.

Chan e gu bheil a h-uile sgoil a’ teagasg nam pàirtean seo den churraicealam tro leasain a sheasas nan aonar, agus chan eil riatanas reachdail ann gum feumar a’ solarachadh PSE, no eileamaidean sònraichte dheth, leithid SRE, ann an Alba. Ach tha riatanasan nas fharsainge ann a thaobh slàinte agus co-ionannachdan.

Tha Achd nan Sgoiltean (Brosnachadh Slàinte is Beathachaidh) Alba 2007 a’ cur dleastanas air gach sgoil a bhith “a’ brosnachadh slàinte”. Tha a’ brosnachadh slàinte a’ gabhail a-steach slàinte gnèitheasach agus slàinte inntinn.

Ann an Sasainn, fo Achd Clann agus Obair Shòisealta 2017, a chaidh aontachadh o chionn ghoirid, bidh Foghlam air Feise agus Dàimhean èigneachail anns a h-uile àrd-sgoil agus bidh Foghlam air Dàimhean èigneachail anns a h-uile bun-sgoil. Tha an Achd cuideachd a’ leigeil le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Foghlam Pearsanta, Sòisealta, Slàinte agus Eaconamach a dhèanamh èigneachail airson na cloinne-sgoile uile ann an sgoiltean Shasainn.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.