20.05.2017
Tha Comataidh aig Taigh an Ròid a’ sireadh bheachdan air mar a
bheirear air falbh na cnap-starraidhean a tha a’ bacadh dhaoine bho bhith a’
gabhail pàirt ann an spòrs aig ìre neo-phroifeiseanta.
Bidh an ath phàirt den
rannsachadh ‘Spòrs airson a h-uile duine’ aig Comataidh Slàinte is Spòrs a’ sgrùdadh modhan-obrach coimhearsnachdail a tha a’
feuchainn ri bhith a’ toirt air falbh na tha a’ bacadh dhaoine bho bhith a’
gabhail pàirt ann an spòrs agus eacarsaich chorporra, mar eisimpleir le bhith
a’ brosnachadh saor-thoileachas ann an dòigh nas fheàrr.
Tha a’ Chomataidh ag
iarraidh air daoine eiseimpleirean a thoirt de mhodhan-obrach coimhearsnachdail
a bha soirbheachail ann a bhith a’ toirt air falbh cnap-starraidhean, gu
h-àraid am measg bhuidhnean sòisealta sònraichte.
Tha na BPA cuideachd an
dòchas a bhith a’ dèiligeadh ris na h-adhbharan air cùlaibh nan duilgheadas
leantainneach ann an coimhearsnachdan a thaobh cothrom ri goireasan sgoiltean
airson spòrs agus eacarsaich chorporra.
Thathar a’ toirt
fiathachadh don phoball am beachdan a thoirt air adhart air ceistean mar na
leanas:
- A bheil eisimpleirean agad de mhodhan-obrach
coimhearsnachdail a thug air falbh gu soirbheachail na cnap-starraidhean
gu com-pàirteachadh ann an spòrs agus eacarsaich chorporra?
- An robh modhan-obrach sam bith ann a bha
soirbheachail gu h-àraid a thaobh ìrean de chom-pàirteachadh àrdachadh am
measg bhuidhnean sòisealta sònraichte, leithid boireannaich, beag-chuidean
cinneachail agus buidhnean chomhaoisean àraid?
- Dè na cnap-starraidhean a tha air beulaibh nan
saor-thoileach, agus ciamar a thèid a’ chùis a dhèanamh air na
cnap-starraidhean sin?
- Gu dè ìre a thathar a’ cleachdadh goireasan nan
sgoiltean gu h-èifeachdach gus cothroman air com-pàirteachadh ann an spòrs
agus eacarsaich chorporra a mheudachadh?
- A bheilear gu h-èifeachdach a’ cleachdadh a’
bhun-structair a chaidh a thogail airson Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis gus
cothroman air com-pàirteachadh ann an spòrs agus eacarsaich chorporra a
mheudachadh?
Thuirt Niall MacFhionnlaigh BPA, Neach-gairm Comataidh Slàinte is Spòrs:
“B’ e aon de na prìomh
amasan airson Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis, agus am bun-structair ùr a chaidh
a thogail airson nan geamaichean, com-pàirteachadh ann an spòrs agus eacarsaich
chorporra a bhrosnachadh. Tha sinn eòlach air cuid de na cnap-starraidhean gu
com-pàirteachadh, leithid ùine, cosgas agus duilgheadasan a thaobh cothrom air
goireasan, ach tha sinn airson eòlas a bhith againn air dè an obair a thathar
a’ dèanamh ann an coimhearsnachdan gus na cnap-starraidhean sin a leagail.
“Bha ùidh mhòr ann an
saor-thoileachas aig àm nan geamaichean, ach cha deach an ìre de dh’ùidh sin a
chumail suas. Feumaidh fios a bhith againn air dè na cnap-starraidhean a tha a’
bacadh dhaoine bho bhith a’ gabhail suas cothroman saor-thoileach, oir tha
saor-thoilich deatamach ma tha spòrs coimhearsnachdail gu bhith soirbheachail.”
Tha an gairm airson
fianais a’ dùnadh air 30 Ògmhios. Gheibhear e an seo: http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/104946.aspx
Cùl-fhiosrachadh
Ann an aithisg
eadar-amail na Comataidh, a chaidh fhoillseachadh nas anmoiche sa mhìos seo,
bhathar ag aithris gu bheil tuilleadh obrach a dhìth gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh pàirt
a ghabhail ann an spòrs aig ìre neo-phroifeiseanta, dà bhliadhna is tuilleadh
an dèidh do Ghlaschu Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis a chur air.
Anns an aithisg
eadar-amail, bha toraidhean bho shuirbhidh a bha a’ sealltainn gun robh
boireannaich dà uair nas coltaich, an coimeas ri fireannaich, gun a bhith a’
gabhail pàirt ann an spòrs no eacarsaich chorporra.
Bhathar a’ toirt fa-near
gum b’ e cion ùine an cnap-starradh as motha gu com-pàirteachadh. Am measg nan
cnap-starraidhean eile, airson gach cuid fireannaich agus boireannaich, bha:
- gealltanasan cùraim/teaghlaich;
- faireachdainn diùideachd;
- cion ghoireasan freagarrach faisg air làimh;
- gun robh e ro chosgail;
- nach do chòrd eòlas corporra riutha anns an sgoil.