12.05.2017
Am bu chòir dha a bhith ceadaichte fon lagh
earball cuilein a dhèanamh nas giorra gus dèanamh cinnteach nach tèid a
ghoirteachadh nuair a tha e nas sine? Seo aon de na ceistean a bhios Comataidh
aig Taigh an Roid a’ faighneachd agus iad a’ tòiseachadh a’ sireadh fianais
an-diugh.
Tha Comataidh
na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Clìomaid agus Ath-leasachadh an Fhearainn ag
iarraidh beachdan a chluinntinn bhon phoball air a’ cheist, am bu chòir cur às
don lagh ann an Alba a tha a’ cur stad air daoine bho bhith a’ giorrachadh earbaill
chon.
Nan rachadh an lagh atharrachadh, bhiodh e ceadaichte an
t-earball aig dà sheòrsa coin obrach – Spaniels
agus Hunt Point Retrievers – a ghiorrachadh le bhith a’ toirt suas gu aon
trian den earball air falbh taobh a-staigh còig latha bho rugadh an cuilean.
Tha e air a bhith toirmisgte earbaill chon a ghiorrachadh
ann an Alba bho 2007. Ge-tà, ma thèid aontachadh ris an atharrachadh air an
lagh, bhiodh e ceadaichte earbaill chuileanan a ghiorrachadh nam biodh bheat
den bheachd gum biodh an cù ag obair mar chù-obrach agus gum biodh cunnart ann
gun rachadh an t-earball aca a leòn gu dona san obair a dhèanadh iad.
Thuirt Neach-gairm Comataidh an h-Àrainneachd,
Atharrachadh na Clìomaid agus Ath-leasachadh an Fhearainn, Graeme
Dey BPA:
“Tha tòrr dhaoine an Alba a tha gu math measail air coin
agus tha fios againn gu bheil tòrr dhaoine ann le beachdan làidir a thaobh a
bhith a’ giorrachadh earbaill chon, cuid aca air a shon agus cuid na aghaidh.
“Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bhon phoball, buidhnean
le ùidh sa chùis agus daoine aig a bheil coin bho air feadh Alba agus tha sinn
ag iarraidh nam beachdan aca air cumhachan na dreachd seo de na Riaghailtean.
Cuidichidh sin sinn le bhith dèanamh co-dhùnadh am bu chòir an lagh a thaobh a
bhith a’ giorrachadh earball atharrachadh.
“Mar eisimpleir, a bheil sibh a’ smaoineachadh gum biodh
e na b’ fheàrr don chù pian fhulang nuair a tha iad nan cuilean feuch nach
biodh e cho coltach gun deigheadh an leòn nuair a bha iad nas sine no gun
cailleadh iad an t-earball air fad ri linn tubaist? No a bheil sibh a’
smaoineachadh gum biodh an cuilean a’ fulang cus pian agus gum biodh iad air an
cur troimh-a-chèile gun adhbhar math gu leòr airson sin? Nuair a tha cù a’
crathadh an earbaill aca ’s e dòigh chudromach a th’ ann gus sealltainn ciamar
a tha iad a’ faireachdainn - nan rachadh an t-earball a ghiorrachadh, an
toireadh sin buaidh air a’ chomas a th’ aig a’ chù conaltradh a dhèanamh ris an
t-sealbhadair aca?”
Tha saoradh ann fon lagh a thaobh giorrachadh earball
an-dràsta ann an Sasainn agus sa Chuimrigh airson cuid a sheòrsaichean
coin-obrach, ma thèid an t-earball a ghiorrachadh le bheat. Tha e cuideachd
ceadaichte ann an Èirinn a Tuath airson adhbharan meidigeach soilleir no airson
coin far a bheilear an dùil an cleachdadh leis a’ phoileas, airson obair
fasgaidh no an lùib sealg le gunnaichean a tha laghail.
Tha na h-atharraichean a thathar a’ moladh mar phàirt de
Riaghailtean airson Ghnìomhan a tha Toirmisgte air Ainmhidhean Fo Dhìon
(Saoraidhean) (Alba) 2017.
Cùl-fhiosrachadh
’S e an ceann-latha airson fhreagairtean, meadhan-latha
air Diardaoin 1 Ògmhios 2017. Gheibhear barrachd fios mu obair na Comataidh an
seo.