Buaidh thargaidean mu bhochdainn-chloinne gu bhith ga sgrùdadh le Comataidh

27.02.2017

Thèid targaidean a thathar a’ moladh gus aghaidh a chur air bochdainn-chloinne ann an Alba a sgrùdadh le Comataidh Tèarainteachd Shòisealta Phàrlamaid na h-Alba agus i a’ tòiseachadh air an sgrùdadh aice air Bile Bochdainn-chloinne (Alba).

Tha am Bile a’ cur cheuman an àite far am feum Riaghaltas na h-Alba targaidean sònraichte a thoirt a-mach gus bochdainn-chloinne a lùghdachadh. Nam measg seo tha gum bi nas lugha de 10% den chloinn ann am bochdainn dàimheach agus nas lugha na 5% den chloinn ann am bochdainn iomlan mus bi 2030 ann. 

Tha a’ Chomataidh air gairm airson bheachdan a chur a-mach an-diugh, ge-tà, gus faighinn a-mach a bheil na ceuman sa Bhile adhartach gu leòr agus dè a’ bhuaidh phractaigeach a bheir na targaidean seo air bochdainn-chloinne an Alba. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Sanndra NicIlleBhàin BPA: 

“Faodaidh sinn uile aontachadh nach eil àite sam bith airson bochdainn-chloinne ann an Alba an latha an-diugh. Faodaidh a’ bhuaidh a bheir a bhith a’ fàs suas ann am bochdainn mairsinn fad do bheatha agus bualadh air slàinte is foghlam fada an dèidh don phàiste fàs na inbheach. 

“Tha am Bile fa ar comhair ag ràdh gu bheil e adhartach, ach tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh faighinn a-mach a bheil na ceuman seo a’ dol fada gu leòr gus aghaidh a chur air an duilgheadas seo. Tha sinn cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach dè an diofar a nì am Bile seo do bheatha na cloinne sin air a bheil a leithid de chruadal an Alba an-dràsta fhèin.” 

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh cluinntinn bho ùghdarrasan ionadail, bho bhùird-shlàinte agus bhon fheadhainn aig a bheil ùidh sa Bhile mun bhuaidh phractaigich a bheir am Bile seo agus am bu chòir na targaidean seo a thoirt a-steach a-rithist ann an Alba. Bu mhath leis a’ Chomataidh beachdan fhaighinn cuideachd air: 

·         Freagarrachd is farsaingeachd nan ceithir targaidean;

·         A bheil feum air targaidean eadraiginn;

·         Na h-ullachaidhean a thathar a’ moladh mu aithisg a thoirt mu adhartas agus an dòigh as fheàrr gus Riaghaltas na h-Alba a thoirt gu dìoladh;  

·         An t-uallach a thathar a’ cur air na comhairlean agus na bùird-shlàinte ionadail gus aithisg a thoirt air adhartas gu h-ionadail;

·         Am Frèam-obrach mu Cheuman Bochdainn-chloinne a tha ann an-dràsta agus na 37 taisbeanairean na bhroinn. 

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach dè an inbhe a bu chòir a bhith aig a’ choimisean nàiseanta a thathar a’ moladh mu bhochdainn agus neo-ionannanachd agus dè na cumhachdan a bu chòir a bhith aig a’ choimisean a thaobh a’ Bhile. 

Cùl-fhiosrachadh 

Chaidh Bile Bochdainn-chloinne (Alba) a thoirt a-steach air 9 Gearran 2017. Gheibhear fiosrachadh mun Bhile an seo: 

http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/Bills/103404.aspx 

Tha am Bile air bochdainn dàimheach a mhìneachadh ma tha iad a’ fuireach ann an teaghlach far a bheil teachd-a-steach cothromaichte don bhliadhna-ionmhais iomchaidh nas lugha na 60 a-mach às a’ cheud den teachd-a-steach cothromaichte slàn mar mheadhan don bhliadhna-ionmhais sin. 

Tha bochdainn iomlan ga mìneachadh mar theaghlach le teachd-a-steach fo 60 a-mach às a’ cheud den teachd-a-steach cothromaichte slàn mar mheadhan ann an 2010-11. 

Bu chòir beachdan a chur gu: 

socialsecuritycommittee@parliament.scot

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.