Beachdan gan sireadh air Bile Cùmhnant (Còraichean Treas Pàrtaidh) (Alba)

24.02.2017

Tha gairm airson fianais a’ sireadh bheachdan bhon h-uile duine fa leth no buidhnean aig a bheil ùidh ann am Bile Cùmhnant (Còraichean Treas Pàrtaidh) (Alba).

An-dràsta, tha còraichean an treas pàrtaidh ri fhaotainn fon lagh choitcheann. Tha lagh na h-Alba a-cheana a’ toirt cead do phàrtaidhean do chùmhnant a bhith a’ cruthachadh còir a bhios ion-èigneachail (enforceable) fon lagh, agus theirear jus quaesitum tertio no JQT ris a’ chòir seo. 

Tha am Bile ag amas air suidheachadh an lagha choitchinn seo a chur air bunait reachdail. Bheirear còir reachdail do treas pàrtaidhean do chùmhnant air chor ’s gum bi còir ion-èigneachail fon lagh aca. 

Thuirt Iain Scott BPA, Neach-gairm airson Comataidh Cumhachdan Tiomnaichte is Ath-leasachadh an Lagha: 

“Tha am Bile seo a’ sireadh dòigh-obrach ùr-nodha a thoirt do chòraichean an treas pàrtaidh, air chor ’s gum bi Alba an co-rèir ri uachdranais (jurisdictions) eile. 

“Mar phàirt den fhianais a bhios sinn a’ sireadh gus ar cuideachadh a bhith a’ dèanamh co-dhùnadh air prionnsabalan coitcheann a’ Bhile, tha sinn ag iarraidh a chluinntinn bho dhaoine fa leth agus bho bhuidhnean aig am bi ùidh ann, no air an toirear buaidh bho, atharrachadh an lagha seo a thathar a’ moladh. 

“A bharrachd air sireadh bheachdan bho chompanaidhean lagha, gnothachais agus sgoiltean lagha oilthigh, tha sinn airson cluinntinn bho bhuidhnean a tha a’ dìon chòraichean nan saoranach agus bho dhuine sam bith eile a tha eòlach air an taobh seo den lagh.” 

Thathar ag iarraidh air luchd-freagairt a bhith a’ dèiligeadh ris na ceistean a leanas:

1. Dè na sochairean a thig bho bhith a’ gluasad bhon lagh choitcheann gu bunait reachdail?

2. Dè a’ bhuaidh a bhios aig a’ Bhile air còraichean an treas pàrtaidh?

3. A bheil thu den bheachd gun cleachdar lagh na h-Alba barrachd mar thoradh air a’ Bhile?

4. A bheil dragh sam bith agad air a’ mhodh-obrach a thathar a’ gabhail anns a’ Bhile?

5. Dè na toraidhean ionmhasail a thig bhon Bhile?

Is e 24 Màrt 2017 an ceann-latha airson tagraidhean sgrìobhte. 

Cùl-fhiosrachadh 

Gheibhear lethbhreac den Bhile, agus na pàipearan an cois ris, air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig: 

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/Bills/103313.aspx 

Chaidh am Bile a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba le Riaghaltas na h-Alba air Dimàirt 31 Faoilleach 2017. 

Is e Bile Coimisean Lagh na h-Alba a tha ann.

Tha am Bile a’ cur an gnìomh nam molaidhean reachdail a bha ann an aithisg Coimisean Lagh na h-Alba Review of Contract: Report on Third Party Rights (SLC No 245; Iuchar 2016). Chaidh an aithisg fhoillseachadh mar phàirt de dh’ath-sgrùdadh nas fharsainge air lagh cùmhnant a rinneadh leis an SLC.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.