Comataidh ann an Taigh an Ròid a’ cur air bhog rannsachadh air a’ bheàrn ann an tuarastal eadar nan gnèithean

15.02.2017

Am biodh eaconamaidh na h-Alba air a thogail nan robhar a’ dùnadh na beàirn ann an tuarastal eadar na gnèithean? Is e seo prìomh cheist airson Comataidh an Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus a’ Chomataidh a’ cur air bhog an rannsachadh aice air a’ bhuaidh bho phàigheadh co-ionann.

Tha sgrùdadh na Comataidh air a’ bheàrn ann an tuarastal eadar an dà ghnè a’ tighinn aig àm nuair a tha rannsachadh làithreach a’ sealltainn: 

  • gun robh adhartas air dùnadh na beàirn ann an tuarastal air a bhith cho mall ’s nach rachadh a chur às, a rèir nan gluasadan làithreach, gus 2069 – no 99 bliadhnaichean an dèidh Achd Pàigheadh Co-ionann 1970*, agus boireannaich a tha ag obair làn-ùine ann an Alba fhathast a’ cosnadh gu cumanta 6.2 sa cheud nas lugha na tha fir**; 
  • gu bheil na beàrnan as motha ri fhaotainn ann an ceàirdean sgileil agus manaidseadh – is e ionmhas is àrachas an raon anns an eaconamaidh leis a’ bheàrn as motha, aig 29.9 sa cheud, ann an raon far a bheil 51 sa cheud den luchd-obrach nam boireannach***; 
  • a rèir figearan bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, chuireadh cha mhòr £600 billean don eaconamaidh bho bhith a’ dèanamh dèanadas eaconamach nam boireannach co-ionann, agus nan lorgar obraichean freagarrach airson an 2.2 millean boireannaich a tha ag iarraidh a bhith ag obair, chuireadh sin 10 sa cheud do mheud an eaconamaidh ro 2030. 

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach, Gordon Lindhurst BPA: 

“Chan e pàigheadh co-ionann an fhìrinn fhathast airson mòran luchd-obrach ann an Alba. Mar sin, bidh ceist chudromach ron Chomataidh: a bheil seo a’ cur bacadh air fàs an eaconamaidh Albannaich? 

“Bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh air a’ cheist, nan robh sinn a’ dèiligeadh ris a’ bheàrn ann an tuarastal eadar an dà ghnè, an toireadh sin deagh bhuaidh air dèanadas gnothachas na h-Alba. Tha sinn ag iarraidh fios a bhith againn air: dè an èifeachd a tha ann bho phàigheadh neo-ionann air a’ raon phoblach ann an Alba? Agus, ceist glè chudromach, dè na gnìomhan a bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ dèanamh gus aghaidh a chur ris a’ chùis seo? 

Lean Mgr Lindhurst aig: 

“Tha a’ Chomataidh airson beachdachadh air an luach eaconamach a thig bho phàigheadh co-ionann agus ag iarraidh tuigse air dè a’ bhuaidh air an eaconamaidh Albannach bhon bheàrn ann an tuarastal eadar na gnèithean. Bidh eòlas nan daoine ‘air an làr’ glè chudromach don rannsachadh seo – na companaidhean agus na buidhnean a tha ag obair gus a’ bheàrn tuarastail gnèitheil a dhùnadh, agus daoine fa leth a tha ri spàirn gus pàigheadh co-ionann fhaighinn. Bidh an t-ealantas agus an t-eòlas acasan a’ stiùireadh na h-obrach againn, ag innse dhuinn dè na ceuman a thathar a’ toirt – agus dè dh’fheumas tachairt fhathast – gus an suidheachadh a dhèanamh co-ionann.” 

Is e 10 Màrt 2017 an ceann-latha airson fianais a chur a-steach. gu Comataidh an Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach. Bidh a’ Chomataidh a’ sgrìobhadh aithisg air toradh bhon rannsachadh aca air a’ bheàrn tuarastail gnèitheil, a bharrachd air molaidhean, anns an Ògmhios.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a chuireas tu tagradh a-steach, dèan tadhal air: http://www.parliament.scot/genderpaygap  

*A rèir anailis bho cho-chomhairlichean Deloitte.

**A rèir aithisg air a’ bheàrn ann an tuarastal eadar na gnèithean a rinneadh le SPICe: http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/103275.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.