Sgaoileadh tèarainteachd shòisealta gu bhith ga sgrùdadh le Comataidhean aig Taigh an Ròid agus Westminster

06.02.2017

Thèid lìbhrigeadh soirbheachail sgaoileadh tèarainteachd shòisealta a sgrùdadh le da chomataidh phàrlamaideach.

Don chiad turas, bidh Comataidh aig Taigh an Ròid agus Comataidh aig Westminster ag obair còmhla. Bheir iad sùil air a’ chàirdeas eadar Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte agus nì iad sgrùdadh a bheil e ag obair gu h-èifeachdach.

Cumaidh Comataidh Tèarainteachd Shòisealta is Comataidh Cùisean na h-Alba dà choinneimh còmhla ann an Dùn Èideann is Lunnainn gus a’ cheist a sgrùdadh. 

Air 13 Màrt, coinnichidh na Comataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba agus tha iad air cuireadh a thoirt do bhuidhnean san treas roinn gus na beachdan aca air gluasad a chumhachdan a nochdadh. Nam measg tha: Inclusion Scotland, the Child Poverty Action Group, agus an Centre on Constitutional Change. Cluinnidh iad an uair sin bho àrd-oifigearan bho Riaghaltas na h-Alba agus Roinn Obrach is Pheinnseanan.

Thèid a’ choinneamh an dèidh sin air 20 Màrt a chumail ann an Westminster agus tha na Comataidhean air cuireadh a thoirt do Rùnaire a’ Chaibineit airson Choimhearsnachdan, Tèarainteachd Shòisealta agus Co-ionannachd, Angela Constance BPA agus Rùnaire na Stàite airson Obrach is Pheinnseanan, am Fìor Urramach Damian Green BP, nochdadh air am beulaibh. 

Thuirt Sandra White BPA, Neach-gairm Chomataidh Tèarainteachd Shòisealta: 

“Is dòcha gu bheil sgaoileadh nan cumhachdan mu thèarainteachd shòisealta air aon de na nithean as toinnte a ghabh a’ Phàrlamaid os làimh na linn. Is e na tha a’ Chomataidh seo ag iarraidh dèanamh cinnteach gu bheil an dà Riaghaltas ag obair gu math còmhla gus a dhèanamh cinnteach gun obraich am pròiseas seo cho rèidh is a ghabhas. 

“Aig deireadh an latha, chan eil neach-poilitigs sam bith – biodh e ann an Taigh an Ròid no ann an Westminster – gun tig mar thoradh air gluasad nan cumhachdan seo duilgheadas sam bith do dhaoine a tha feumach air tèarainteachd shòisealta. Tha a’ cheist seo cho cudromach agus gun gabh sinn seo os làimh don chiad turas le BP. 

“Tha mi an dòchas gun cuidich an obair seo gus a dhèanamh cinnteach gun tèid gluasad nan cumhachdan seo air adhart gun strì agus nach tèid droch bhuaidh a thoirt air duine sam bith.” 

Thuirt Pete Wishart BP, Cathraiche Chomataidh Cùisean na h-Alba: 

“Tha sgaoileadh nan cumhachdan mu shochairean a’ ciallachadh, gus an obraich poileasaidh mu thèarainteachd shòisealta do mhuinntir na h-Alba, gum feum Taigh an Ròid agus Westminster obrachadh gu math còmhla gus gluasad rèidh chumhachdan agus obrachadh èifeachdach siostam nan sochairean a dhearbhadh. San aon dòigh, tha e cudromach gun obraich sinn leis na com-pàirtichean againn air comataidh Tèarainteachd Shòisealta gus buaidh nam poileasaidhean anns an fharsaingeachd a sgrùdadh. Bidh againn cuideachd ri measadh a dhèanamh air cho math agus a tha an dà riaghaltas ag obair còmhla gus poileasaidh a cho-òrdanachadh.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Tòisichidh a’ choinneamh ann am Pàrlamaid na h-Alba Diluain 13 Màrt aig 11m agus thèid a craoladh beò agus faodar sealltainn oirre an seo: www.scottish.parliament.tv. 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.