Cùram-slàinte sna prìosanan gu bhith ga sgrùdadh le Buill

03.02.2017

Thèid cothrom air cùram-slàinte sna prìosanan agus cho èifeachdach agus a tha e a sgrùdadh le Buill air Comataidh Slàinte is Spòrs. 

Gabhaidh a’ Chomataidh rannsachadh goirid os làimh mun cheist far an toirear sùil air mar a tha cùram-slàinte ga lìbhrigeadh anns na prìosanan agus cosgais na seirbheise. Gabhaidh e beachd cuideachd air brùthaidhean (pressures) an-dràsta ’s san àm ri teachd air lìbhrigeadh cùram-slàinte sna prìosanan. 

Tha Buill air gairm airson fianais mun cheist seo a sgaoileadh. 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte is Spòrs, Niall MacFhionnlaigh BPA: 

“B’ e adhbhar a bhith a’ gluasad cùram-slàinte bho sheirbheis nam prìosanan gu Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ana-cothrom ann an slàinte a lùghdachadh, cothrom nas fheàrr air làimhseachadh a bhrosnachadh agus leasachadh a thoirt air leantainneachd a’ chùraim. Còig bliadhna an dèidh làimhe, tha a’ Chomataidh seo a’ faireachdainn gu bheil e iomchaidh sgrùdadh a dhèanamh air cho soirbheachail agus a tha seo air a bhith. 

“Tha na prìosanan nan cothrom fa leth ana-cothrom ann an slàinte a lùghdachadh le bhith a’ ceangal ri daoine nach eil air siostam cùram-slàinte ri linn cho riaslach agus a tha an dòigh-beatha aca gu tric. Mar a tha le cùram anns a’ phoball anns an fharsaingeachd, tha sluagh sna prìosanan air a bheil an aois a’ tighinn a bhios feumach air cùram airson iomadach cor san ùine fhada.” 

Ann an 2011 chaidh uallach airson ullachadh cùram-slàinte sna prìosanan a ghluasad gu Seirbheis Nàiseanta na Slàinte. Is e uallach an Ùghdarrais Amalachaidh ionadail a tha ann a-nis. Bidh a’ Chomataidh cuideachd a’ sgrìobhadh gu gach Ùghdarras Amalachaidh gus fios fhaighinn air buidseatan is cosgaisean na seirbheise, luchd-obrach is goireasan, iarrtas, dèanadas agus leasachadh sheirbheisean. 

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh beachdan daoine air na ceistean a leanas:

  • Dè nur barail na brùthaidhean air ullachadh slàinte agus cùraim shòisealta sna prìosanan?
  • Dè cho math nur barail agus a thathar air freagairt a thoirt air na brùthaidhean seo?
  • Dè an ìre dham bheil sibh den bheachd gu bheilear / gum faodte aghaidh a chur air ana-cothrom ann an siostam cùram-slàinte nam prìosanan?
  • Dè na bacaidhean a tha ann an-dràsta air cleachdadh siostam cùram-slàinte nam prìosanan gus toraidhean sluagh nam prìosanan a thaobh slàinte a leasachadh?
  • An comharraich sibh leasachaidhean a dh’fhaodte toirt air seirbheisean an-dràsta?
  • Dè na brùthaidhean as motha bhios ann sna 15 bliadhna ri teachd nur barail? 

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ ghairm airson bheachdan fosgailte gu 28 Gearran 2017.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.