03.02.2017
Thèid cuireadh a thoirt
do Phàrlamaid na h-Alba an ath sheachdain Rosemary Agnew ainmeachadh do A
Mòrachd airson a cur an dreuchd mar Ombudsman ùr Seirbheisean Poblach na
h-Alba.
Is e dreuchd Ombudsman Seirbheisean Poblach
na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh air gearanan mun chuid as motha de na buidhnean a
bheir seirbheisean poblach seachad ann an Alba far a bheil neach a’ cumail
a-mach gun do dh’fhuiling e ana-ceartas no cruadal mar thoradh air droch
rianachd no fairtleachadh ann an seirbheis.
Thathar an dùil gun tig Bmh. Agnew an àite an
Ombudsman a tha ann an-dràsta Jim Martin a bhios a’ leigeil a dhreuchd seachad
air 30 Giblean am-bliadhna.
Tha an suidheachadh a’ tighinn an dèidh
pròiseas fosgailte fastaidh a dh’iarr tagraichean a nochdadh breitheanas
barraichte gus co-dhùnaidhean slàn is gun chlaonadh a thoirt a-mach; sgilean
anabarrach leasaichte a thaobh buaidh is conaltraidh; fianais air ceannas
ro-innleachdail; agus eòlas nach beag air toraidhean a lìbhrigeadh.
Tòisichidh Bmh. Agnew anns a’ phost air 1
Cèitean 2017.
Is e seo suidheachadh làn-thìde, fad ùine
stèidhichte fad ochd bliadhna le tuarastal de £83 mìle na lùib.
Fiosrachadh eachdraidh-beatha
Tha Rosemary Agnew ag obair mar Choimiseanair
Fiosrachaidh na h-Alba an-dràsta, post a tha air a bhith aice bho 1 Cèitean
2012.
Tha an t-eòlas a tha aig Rosemary air
làimhseachadh ghearanan ann an siostaman reachdail agus quasi-bhreitheach gus
beachdachadh agus co-dhùnadh air mì-thoileachas le seirbheisean poblach gu math
farsaing, agus a’ dol air ais gu 2001. Mus robh i mar Choimiseanair
Fiosrachaidh na h-Alba, bha i na Ceannard air Coimisean Gearanan Laghail na
h-Alba, agus gu dìreach roimhe sin bha i ag obair mar Ombudsman-cuideachaidh do
dh’Ombudsman Riaghaltais Ionadail na Rìoghachd Aonaichte.
Thug Rosemary ceum MBA, le àrd-urram,
a-mach aig Sgoil-ghnìomhachais Mhanchester. A bharrachd air an eòlas a tha aice
air làimhseachadh ghearanan, tha i air rianachd agus stiùireadh a dhèanamh air
buidhnean tro atharrachaidhean mòra agus air an tuigse dhomhainn a tha aice air
riaghladh a thoirt gu buil gu h-èifeachdach.
Tha seo uile air lèirsinn a thoirt dhi
air diofar dhòighean-dèiligidh mu làimhseachadh ghearanan agus cho cudromach
agus a tha an leithid de dhreuchdan dhan dòigh sam bi daoine a’ ceangal is a’
conaltradh ri luchd cho-dhùnaidhean agus seirbheisean poblach.
Cùl-fhiosrachadh
Is e dreuchd Ombudsman Seirbheisean Poblach
na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh air gearanan mun chuid as motha de na buidhnean a
bheir seirbheisean poblach seachad ann an Alba far a bheil neach a’ cumail
a-mach gun do dh’fhuiling e ana-ceartas no cruadal mar thoradh air droch
rianachd no fairtleachadh ann an seirbheis. Am measg nam buidhnean a bhios a’
toirt seachad nan seirbheisean poblach ann an Alba tha comhairlean, Seirbheis
Nàiseanta na Slàinte, comainn-taigheadais is co-chomainn, oilthighean is
colaistean, a’ chuid as motha de luchd-solair uisge is òtrachais, prìosanan,
Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean-gnìomha is na roinnean aige, agus a’
chuid as motha de dh’ùghdarrasan na h-Alba.
O chionn beagan bhliadhnaichean,
tha raon-ùghdarrais an Ombudsmain air leudachadh gus gearanan air prìosanan,
luchd-uisge agus slàinte phrìosanach a ghabhail a-steach. Cuideachd, tha
dleastanas reachdail air an Ombudsman gearanan gnàthaichte mu làimhseachadh
ghearanan fhoillseachadh agus deagh-chleachdadh ann an làimhseachadh ghearanan
a chur air adhart. Ann an 2016, dh’fhàs an t-Ombudsman gu bhith mar am
breithniche neo-eisimeileach air Maoin Sochair na h-Alba agus thèid dreuchd an
Ombudsmain a leudachadh barrachd ann an 2017 nuair a bhios an t-Ombudsman
comasach, mar phàirt den amalachadh eadar slàinte agus cùram sòisealta,
breitheanas dreuchdail a bheachdachadh cuideachd mu ghearanan mu obair
shòisealta.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair aig
an Ombudsman aig:-
http://www.spso.org.uk/
Thèid iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba aonta
a chur ri ainmeachadh Bmh. Agnew air Dimàirt 7 Gearran 2017. Tha a’ ghluasad
mar a leanas:
Bob
Doris BPA às leth a’ Phannail Taghaidh: Cur-an-dreuchd Ombudsman Seirbheisean
Poblach na h-Alba
Gu bheil a’
Phàrlamaid ag ainmeachadh Rosemary Agnew do A Mòrachd mar Ombudsman
Seirbheisean Poblach na h-Alba fo Earrann 1 de dh’Achd Ombudsman Seirbheisean
Poblach na h-Alba 2002