A’ Sireadh Beachdan air Riaghaltas Ionadail agus Buidseatan Taigheadas

19.09.2016

Tha a’ Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan a’ dol a thoirt sùil air a’ bhuaidh a th’ aig buidseatan nas lugha air seirbheisean chomhairlean agus a’ Chomataidh a’ tòiseachadh air an sgrùdadh bhliadhnail aca air a’ bhuidseat.

Tha lùghdachadh de mu 10% (às aonais buaidh na h-atmhorachd) air a bhith ann am maoineachadh airson riaghaltas ionadail ann an Alba bho ràinig am maoineachadh sin an ìre a b’ àirde ann an 2009-10. Tha BPAan airson cluinntinn mu mar a tha ùghdarrasan ionadail a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a bhios ann ri linn an lùghdachaidh agus tha iad airson faighneachd am bu chòir coimhead air maoineachadh a gheibhear bho Riaghaltas na h-Alba nach eil na phàirt den aonta mhaoineachaidh airson Riaghaltas Ionadail - ach a tha cuideachadh le bhith maoineachadh seirbheisean ionadail - mar phàirt den bhuidseat airson Riaghaltais Ionadail. 

Bidh a’ Chomataidh cuideachd a’ beachdachadh air an targaid a th’ aig Riaghaltas na h-Alba gus 50,000 dachaighean ùra a bhios rim faotainn aig prìs reusanta a thogail thairis air an ath chòig bliadhna. Tha an Riaghaltas air a chur roimhe gum bi 35,000 dhiubh sin rim faotainn air mhàl sòisealta. 

Bheir a’ Chomataidh sùil air na prògraman maoineachaidh airson a’ phrògraim gus dachaighean a thogail, nam measg tha am Prògram airson Taigheadais aig Prìs Reusanta agus Taic le bhith Ceannach, agus bidh iad a’ faighneachd a bheilear a’ faighinn luach an airgid às na prògraman sin. 

Thuirt Bob Doris BPA, Neach-gairm na Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan: 

“Chan eil dùil ann gum bi an dreachd de bhuidseat Riaghaltas na h-Alba air a foillseachadh gu nas fhaide air a’ bhliadhna, agus mar sin tha a’ Chomataidh againn a’ toirt sùil air ais air na chaidh a chosg air riaghaltas ionadail is taigheadas san dà bhliadhna mu dheireadh. 

“Tha maoineachadh airson riaghaltais ionadail air tuiteam anns na còig bliadhna mu dheireadh. Tha sinn airson faighinn a-mach mu mar a tha ùghdarrasan ionadail air dèiligeadh ris an lùghdachadh sin agus mu mar a thug e buaidh air seirbheisean do dhaoine. Cuideachd, bidh sinn a’ faighneachd am bu chòir coimhead air airgead eile a thèid a chosg air nithean co-cheangailte ri dleastanasan nan ùghdarrasan ionadail, leithid mhaoinean gus seirbheisean slàinte is cùram sòisealta aonachadh, mar phàirt den bhuidseat airson riaghaltais ionadail. 

“Tha sinn a’ sireadh beachdan air mar a tha no nach eil na prògraman maoineachaidh, a tha air an stiùireadh le àrd-riaghaltas, a’ cuideachadh le targaidean Riaghaltas na h-Alba gus dachaighean ùra a thogail.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Thathar an dùil gun tèid an dreachd de bhuidseat Riaghaltas na h-Alba airson 2017-18 fhoillseachadh nas fhaide air a’ bhliadhna seo. Mar sin, tha a’ Chomataidh air aontachadh sgrùdaidhean a dhèanamh ron bhuidseat, agus iad a’ coimhead air ais air na chaidh a chosg ann an 2015-16 agus (chun na h-ìre ’s as urrainn dhaibh) air na chaidh a chosg den bhuidseat a th’ ann an-dràsta airson 2016-17. 

Gheibhear fios air gairm na Comataidh airson fianais an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.