24.07.2016
Thig eaconamairean agus ceannardan gnìomhachais
bho sheirbheisean ionmhais, bho bhiadh is deoch agus bho fhoghlam aig an àrd
ìre gu Taigh an Ròid an t-seachdain seo, far am bi iad a’ mìneachadh dè a’
bhuil a bhios air Alba an dèidh a’ bhòt airson Brexit.
Tha Oilthighean na h-Alba, Virgin Money, Comann Uisge-beatha Albannach, an STUC agus Institiud Friseal Alandar am measg an fheadhainn a bheir fianais gu Comataidh Eòrpach agus Dàimhean Taobh a-muigh.
Tha a’ chomataidh,a tha air ùr thilleadh bhon Bhruiseal, a’ gabhail ceum a-mach às an àbhaist le bhith a’ coinneachadh rè an fhosaidh phàrlamaidich air sàilleibh buil an reifrinn, anns an do bhòt 62 sa cheud ann an Alba a dh’fhantainn.
Tha an seisean-fianais foirmeil air Diardaoin 28 Iuchar a’ leantainn air coinneamhan rannsachaidh a rinneadh leis a’ chomataidh anns a’ Bhruiseal air Dimàirt (19 Iuchar).
Bidh riochdairean bho Phort-adhair Dhùn Èideann, Caidreachas nan Gnothachasan Beaga agus gnìomhachais tuathanachais agus iasgachd cuideachd a’ toirt fianais.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Seònag NicAilpein BPA:
“Tha sinn airson fios a bhith againn air dè bhios fàgail an EU a’ ciallachadh do sluagh na h-Alba, gu h-àraid dhaibhsan ann an gnothachas. Cluinnidh sinn bho riochdairean anns na prìomh raointean de dh’eaconamaidh na h-Alba mu dheidhinn dè a’ bhuil a tha air a bhith aig Brexit orrasan a-cheana agus dè am beachdan-san air a’ bhuil a bhios air Alba anns an àm ri teachd.
Lean i oirre: “Tha fios againn a-cheana, bho bhruidhinn ri Seòmraichean Malairt Bhreatainn anns a’ Bhruiseal, gu bheil còir cothrom don mhargaid shingilte anabarrach cudromach don chuid as motha de chompanaidhean.
“Dh’fhairich sinn tòrr deagh-ghean agus tuigse a thaobh suidheachadh na h-Alba nuair a bha sinn a’ tadhal air a’ Bhruiseal. Cha do dh’fhàg dùthaich sam bith an EU roimhe seo, agus chan eil am pròiseas airson fàgail sìmplidh idir. Mar sin, tha e cudromach gum bi a’ chomataidh againn a’ toirt fòram do sluagh na h-Alba a bhith an-sàs anns a’ phròiseas dhoirbh seo.”
Tha an luchd-fianais a tha gu bhith a’ nochdadh air beulaibh na comataidh air Diardaoin mar a leanas:
Pannal 1 (eaconamaidh)
Graeme Roy, Stiùiriche (Ainmichte), Institiud Friseal Alandar;
Colin Borland, Prìomh Cheann air Cùisean Taobh a-muigh, Caidreachas nan Gnothachasan Beaga Alba;
Kenny Richmond, Prìomh Stiùiriche, Eaconamachd, Iomairt na h-Alba;
Stephen Boyd, Rùnaire-cuideachaidh, STUC.
Pannal 2 (gnothachas agus ùidhean bho dhiofar raointean)
Clare Slipper, Oifigear Pàrlamaideach, Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach Alba;
Bertie Armstrong, Ceannard, Buidheann Iasgairean na h-Alba;
David Frost, Ceannard, Comann Uisge-beatha Albannach;
Alastair Sim, Stiùiriche, Oilthighean na h-Alba;
Gordon Dewar, Ceannard, Port-adhair Dhùn Èideann earranta;
Hugh Chater, Stiùiriche Bancaireachd, Virgin Money;
Riochdaire bho Bhiadh is Deoch Alba (gu bhith deimhinnte).
Cùl-fhiosrachadh
Bidh a’ choinneamh a’ tachairt aig 9.30 m aig Pàrlamaid na h-Alba.
Foillsichear pàipearan airson na coinneimh air làrach-lìn na comataidh air Diluain 25 Iuchar.
Ruigsinneachd airson nam meadhanan
• Ruigsinneachd airson nam meadhanan: bidh 10 suidheachain air an cur a thaobh airson luchd-naidheachd poileataigeach. Riaraichear na suidheachain sin a rèir mar a nochdas tagraichean, ach feumaidh ùghdarras bhon Phàrlamaid a bhith aig tagraichean. Bithear a’ craloadh na coinneimh mar is àbhaist gach cuid air an lìonra-telebhisein taobh a-staigh Thùr nam Meadhanan agus air an làrach-lìn air TBh na Pàrlamaid.
• Ruigsinneachd airson dealbhadairean: Bidh Anndra Cowan, dealbhadair oifigeil na Pàrlamaid, a’ toirt pioctairean a bhios rim faighinn do dheasgaichean nam pioctairean. Ma tha iarrtas ann airson barrachd dealbhan, bu chòir post-dealan a bhith air a chur gu andrew.cowan@parliament.scot
• Air telebhisean: Bidh Oifis Craolaidh na Pàrlamaid a’ craoladh na coinneimh mar is àbhaist.
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
