Iris Ghnothaichean

Geàrr-iomradh

Tha Iris Ghnothaichean Pàrlamaid na h-Alba ga fhoillseachadh a h-uile madainn nuair a bhios a’ Phàrlamaid na suidhe. Bidh i a' toirt seachad fiosrachaidh ann am mionaideachd mu ghnothach na Pàrlamaid an-dràsta, san ùine air thoiseach agus san ùine a dh'fhalbh. Aig àm-fosaidh, is ann a h-uile seachdain a bhios an Iris Ghnothaichean ga foillseachadh.

Am measg an fhiosrachaidh sa Gheàrr-iomradh tha na leanas:

Brathan
Earrann A: Liosta Gnothaichean Laghail
Earrann B: Clàr-gnothaich
Earrann C: Clàran Coinneamhan Chomataidhean
Earrann D: Ceistean-labhairt
Earrann E: Ceistean ann an Sgrìobhadh
Earrann F: Gluasadan agus Atharrachaidhean
Earrann G: Bilean
Earrann H: Sgrìobhainnean air an nochdadh
Earrann I: Athchuingean air an cur a-steach
Earrann J: Adhartas Gnothach na Pàrlamaid

Airson an Iris Ghnothaichean làithreach fhaicinn, briog air English aig mullach na duilleige.