Bilean

Is e na tha ann am bile dreachd de lagh. Tha bilean an dara cuid:

  • poblach – a’ feuchainn ris an lagh coitcheann atharrachadh, no
  • prìobhaideach – ag iarraidh chumhachdan airson neach no eagrachadh air leth a tha a’ dol seachad air an lagh choitcheann no na aghaidh

Faodar Bilean Poblach a bhith air an toirt a-steach le:

  • ball de Riaghaltas na h-Alba ("Bile Riaghaltais")
  • comataidh aig a’ Phàrlamaid (“Bile Comataidh”), no
  • ball air leth den Phàrlamaid (“Ball Buill”)

Tha Bilean Prìobhaideach gan toirt a-steach leis an neach a tha ag iarraidh nan cumhachdan dham bheil ullachadh leis a’ Bhile.

Is e na tha ann am Bile Measgaichte Bile Poblach a bheir droch bhuaidh air an leas aig neach no buidheann air leth ann an dòigh nach eil ionann ri leas dhaoine no bhuidhnean eile den aon seòrsa no aicme..

Airson fiosrachaidh mu Bhilean is mu mhodh an reachdais, cuiribh fios gu Sgioba Reachdais.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.